Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Allt Giuthais
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0583
ÀITE
An t-Allt Giuthais
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32505
KEYWORDS
cairtean-puist
Glascarnach
taighean-aoigheachd
dròbhairean
àiteachan stad choidsichean
coidsichean
Gairbh
Ulapul
Aultguish Hotel

Chithear Taigh-òsta Allt Giuthais, Gairbh, anns a' chairt-phuist seo.

Tha an taigh-aoigheachd ainmeil seo suidhichte aig ceann an iar Loch Glascarnach air a' phrìomh rathad eadar Inbhir Pheofharain agus Ulapul, 6 mìle a tuath air Gairbh. Bha an taigh-òsta seo na àite stad do dhròbhairean a bha a' toirt crodh gu margaidhean aig deas an toiseach. Bha e an uair sin na àite stad do choidsichean a bha a' siubhal eadar Gairbh is Ulapul. Tha an taigh-òsta, a tha a-nis air ùrachadh is air a leudachadh gu mòr, fhathast na àite far am bi mòran dhaoine a' stad air an rathad aonaranach seo. Tha e air a chleachdadh le iomadh neach-coiseachd is neach-sreap mar thoradh air na seallaidhean drùidhteach a tha a' cuairteachadh an taigh-òsta

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Allt Giuthais

ROS: Cunndainn

1960an

cairtean-puist; Glascarnach; taighean-aoigheachd; dròbhairean; àiteachan stad choidsichean; coidsichean; Gairbh; Ulapul

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chithear Taigh-òsta Allt Giuthais, Gairbh, anns a' chairt-phuist seo. <br /> <br /> Tha an taigh-aoigheachd ainmeil seo suidhichte aig ceann an iar Loch Glascarnach air a' phrìomh rathad eadar Inbhir Pheofharain agus Ulapul, 6 mìle a tuath air Gairbh. Bha an taigh-òsta seo na àite stad do dhròbhairean a bha a' toirt crodh gu margaidhean aig deas an toiseach. Bha e an uair sin na àite stad do choidsichean a bha a' siubhal eadar Gairbh is Ulapul. Tha an taigh-òsta, a tha a-nis air ùrachadh is air a leudachadh gu mòr, fhathast na àite far am bi mòran dhaoine a' stad air an rathad aonaranach seo. Tha e air a chleachdadh le iomadh neach-coiseachd is neach-sreap mar thoradh air na seallaidhean drùidhteach a tha a' cuairteachadh an taigh-òsta