Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Maol Fhinn
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0585
ÀITE
Loch Maol Fhinn
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32507
KEYWORDS
cairtean-puist
Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich
an t-Alltan Dubh
Cill Fhinn
Fionn
pegmatites
gàirneid
eich-uisge
Loch Garve

Chithear Loch Maol Fhinn, no Loch Garrve sa Bheurla, sa chairt-phuist seo. Tha e ann an Siorrachd Rois.

Is e "Loch Killen" an t-ainm a th' air an loch ann am mapa Roy a chaidh a dhèanamh ann an 1747 ach is e "Loch Killen" a th' aig an New Statistical Account (1834-45) air. Tha Cill Fhinn aig ceann an iar an locha. Tha an t-ainm "Garve" a' tighinn bhon fhacal "Garbh". Thathar air clachan pegmatite a lorg anns a bheil gàirneidean ri taobh Loch Maol Fhinn. Is e seòrsa de chloich theinntich agus garbh a th' ann am pegmatite agus chaidh a chruthachadh nuair a dh'fhuaraich làbha àrsaidh.

Tha Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich a' dol thairis air an Alltan Dubh air drochaid iarainn aig fìor cheann an ear an locha. Tha an rathad-iarainn, a dh'fhosgail ann an 1870 a ruith an cois cladach a deas an locha.

Tha sgeulachd ann mu each-uisge a tha a' fuireach ann an Loch Maol Fhinn. Thèid aig eich-uisge air nochdadh ann an cruth eich no cruth duine. Bha each-uisge Loch Maol Fhinn ag iarraidh bean agus mar sin, dh'fhalbh e le boireannach mar a bhios eich-uisge a dèanamh. Ged a thug an t-each-uisge deagh thaigh agus gu leòr bìdh dhi fon uisge, cha robh i toilichte a chionn 's gun robh i cho fuar. Bha an t-each-uisge còir agus bha gaol aige air a mhnaoi. Chaidh e gu baile Ghairbh ann an cruth eich gus clachair a lorg. Leig a leis a' chlachair a ghlacadh agus a dhol air a mhuin ach an uair sin thug e air ais don loch e. Chuir e ìmpidh air a' chlachair àite teine agus similear a thogail gus am biodh an taigh fon uisge na bu bhlàithe agus an uair sin, thug e an clachair air ais don bhaile gun cron sam bith a dhèanamh air. Bha bean an eich-uisge a-nis toilichte a chionn 's gun robh i blàth agus a chionn 's gum b'urrainn dhi biadh a chòcaireachd. Mar thuarastal airson na rinn e, cha robh aig a' chlachair ach ri seasamh ri taobh an locha agus "iasg" a ràdh agus an ath latha bhiodh basgaid làn èisg ùir ann dha. Thathar ag ràdh gu bheil pàirt den loch nach reoth uair sam bith mar thoradh air teas bho shimilear an eich-uisge.

Tha Loch Maol-Fhinn agus an t-Alltan Dubh ainmeil airson iasgach

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Maol Fhinn

ROS: Cunndainn

1940an

cairtean-puist; Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich; an t-Alltan Dubh; Cill Fhinn; Fionn; pegmatites; gàirneid; eich-uisge

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection