Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Fay Anderson mu chòta Geàrd na Dachaigh
EXTERNAL ID
WD_HF07_TRACK08_ANDERSON
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Fay Anderson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3251
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
Home Guard
Geàrd na Dachaigh
èideadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Fay Anderson ag innse mu chosnadh a bh' ann mar a bha a h-athair ann an Geàrd na Dachaigh aig àm a' chogaidh.

Bha uniform, èideadh, aig m' athair-sa cuideachd. Bha esan ann an Geàrd na Dachaigh. Uill, tha fios agaibh air na sgeulachdan èibhinn uile mu Gheàrd na Dachaigh. Ach 's e fear de na rudan a b' fheàrr mu Gheàrd na Dachaigh, bheireadh iad dhut còta mòr. Bha an còta cho trom, cha mhòr, ris a' bhòrd a tha seo agus duine sam bith a bha airson coiseachd no ruith sa chòta 's ann le èiginn a dhèanadh iad e. Bha e fada - bho àrd aig d' amhaich gu sìos gu do shàiltean, mas bi dè am meud a bh' annad. Agus nuair a gheibheadh a h-uile duine còta Geàrd na Dachaigh, agus an geamhradh a' tighinn - 's e an t-Sultain, an Dàmhair a bh' ann, geamhradh nimheil - fhuair thu air còta Geàrd na Dachaigh a chur air do leabaidh. Nise, bha sin a' ciallachadh nach biodh tu idir ag èirigh gus an togadh do mhàthair an còta bhon leabaidh sa mhadainn bhon bha e cho trom ri poca saimeant. [Gàireachdainn] Agus bha sinn uile a' smaoineachadh gu robh seo mìorbhuileach, agus còta mòr donn thairis air an leabaidh, còta khaki. Ach chaidil thu mar sin. 'S e sin an dòigh a chaidh thu a chadal, chaidil thu mar sin. Còta Geàrd na Dachaigh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Fay Anderson mu chòta Geàrd na Dachaigh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; Home Guard; Geàrd na Dachaigh; èideadh; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Fay Anderson ag innse mu chosnadh a bh' ann mar a bha a h-athair ann an Geàrd na Dachaigh aig àm a' chogaidh.<br /> <br /> Bha uniform, èideadh, aig m' athair-sa cuideachd. Bha esan ann an Geàrd na Dachaigh. Uill, tha fios agaibh air na sgeulachdan èibhinn uile mu Gheàrd na Dachaigh. Ach 's e fear de na rudan a b' fheàrr mu Gheàrd na Dachaigh, bheireadh iad dhut còta mòr. Bha an còta cho trom, cha mhòr, ris a' bhòrd a tha seo agus duine sam bith a bha airson coiseachd no ruith sa chòta 's ann le èiginn a dhèanadh iad e. Bha e fada - bho àrd aig d' amhaich gu sìos gu do shàiltean, mas bi dè am meud a bh' annad. Agus nuair a gheibheadh a h-uile duine còta Geàrd na Dachaigh, agus an geamhradh a' tighinn - 's e an t-Sultain, an Dàmhair a bh' ann, geamhradh nimheil - fhuair thu air còta Geàrd na Dachaigh a chur air do leabaidh. Nise, bha sin a' ciallachadh nach biodh tu idir ag èirigh gus an togadh do mhàthair an còta bhon leabaidh sa mhadainn bhon bha e cho trom ri poca saimeant. [Gàireachdainn] Agus bha sinn uile a' smaoineachadh gu robh seo mìorbhuileach, agus còta mòr donn thairis air an leabaidh, còta khaki. Ach chaidil thu mar sin. 'S e sin an dòigh a chaidh thu a chadal, chaidil thu mar sin. Còta Geàrd na Dachaigh.<br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.