Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Maol Fhinn
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0590
ÀITE
Loch Maol Fhinn
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32511
KEYWORDS
cairtean-puist
Fionn
Cill Fhinn
pegmatites
gàirneid
eich-uisge
Loch Garve from above Golf Course, Strathpeffer Spa

Chithear Loch Maol Fhinn, no Loch Garve sa Bheurla ri cùl na deilbh sa chairt-phuist seo. Chaidh an dealbh a thogail bho os cionn an Raon-Goilf aig Spa Shrath Pheofhair.

Chithear Loch Maol Fhinn ri cùl na deilbh agus an lochan beag An Dubh Lochan agus Loch na Crann ris an aghaidh deilbh.

Is e "Loch Killen" an t-ainm a th' air an loch ann am mapa Roy a chaidh a dhèanamh ann an 1747 ach is e "Loch Killen" a th' aig an New Statistical Account (1834-45) air. Tha Cill Fhinn aig ceann an iar an locha. Tha an t-ainm "Garve" a' tighinn bhon fhacal "Garbh". Thathar air clachan pegmatite a lorg anns a bheil gàirneidean ri taobh Loch Maol Fhinn. Is e seòrsa cloich igneous agus garbh a th' ann am pegmatite agus chaidh a chruthachadh nuair a dh'fhuaraich làbha àrsaidh gu slaodach.

Tha Rathad-iarainn an Eilein Sgitheanaich a' dol thairis air an Alltan Dubh air drochaid iarainn aig fìor cheann an ear an locha. Tha an rathad-iarainn, a dh'fhosgail ann an 1870 a ruith an cois cladach a deas an locha.

Tha sgeulachd ann mu each-uisge a tha a' fuireach ann an Loch Maol Fhinn. Thèid aig eich-uisge a nochdadh ann an cruth eich no cruth duine. Bha each-uisge Loch Maol Fhinn ag iarraidh bean agus mar sin, dh'fhalbh e le boireannach mar a bhios eich-uisge a dèanamh. Ged a thug an t-each-uisge deagh thaigh agus gu leòr bìdh dhi fon uisge, cha robh i toilichte a chionn 's gun robh i cho fuar. Bha an t-each-uisge còir agus bha gaol aige air a' bhean. Chaidh e gu baile Ghairbh ann an cruth eich gus clachair a lorg. Leig a leis a' chlachair a ghlacadh agus a dhol air a mhuin ach an uair sin thug e air ais don loch e. Chuir e ìmpidh air a' chlachair àite teine agus similear a thogail gus am biodh an taigh fon uisge na bu bhlàithe agus an uair sin, thug e an clachair air ais don bhaile gun cron sam bith a dhèanamh air. Bha bean an each-uisge a-nis toilichte a chionn 's gun robh i blàth agus a chionn 's gum b'urrainn dhi biadh a chòcaireachd. Mar tuarasdal airson na rinn e, cha robh aig a' chlachair ach ri seasamh ri taobh an locha agus "iasg" a ràdh agus an ath-latha bhiodh basgaid làn èisg ùir ann dha. Thathar ag ràdh gu bheil pàirt ann den loch nach reoth uair sam bith mar thoradh air teas bho shimilear an eich-uisge

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Maol Fhinn

ROS: Cunndainn

1930an

cairtean-puist; Fionn; Cill Fhinn; pegmatites; gàirneid; eich-uisge

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection