Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Camas Ghruinneard
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0591
ÀITE
Camas Ghruinneard
SGÌRE
Geàrrloch
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32512
KEYWORDS
cairtean-puist
taighean-dubha
eileanan
anthrax
armachd bith-eòlasach
Beinn Ghobhlach
Gruinard Bay

Chithear Camas Ghruinneard, Siorrachd Rois, sa chairt-phuist seo.

Tha Camas Ghruinneard, na chaolas mara air costa taobh siar Rois. Tha tràighean brèagha le gainmheach caran pinc anns a' bhàgh. Tha an t-ainm Gruinneard a' tighinn às an Lochlannais agus tha e a' ciallachadh an dara cuid bàgh uaine no bàgh ao-domhainn. Tha am bàgh an dà chuid uaine agus ao-domhainn. Tha Abhainn Ghruinneard Bheag a' sruthadh bho Fhionn Loch don bhàgh agus tha e a' comharrachadh na crìche eadar paraistean Gheàrrloch agus Loch Bhraoin.

Tha taigh-dubh ri fhaicinn ri aghaidh na deilbh.

Chan eilear cinnteach cò às a thàinig an t-ainm 'taigh-dubh'. Dh'fhaoidte gur e mì-thuigse den Ghàidhlig a th' ann - tha na facail 'tughadh' is 'dubh' coltach ri chèile agus 's dòcha gun tàinig 'taigh-dubh' bho 'taigh-tughaidh'. 'S e taighean sìmplidh aon-lobhta le tughadh air a' mhullach a bh' anns na taighean dubha. 'S e dà shreath de chlachan gun chreadh-aoil, le mòine is ùir anns a' mheadhan a bh'anns na ballachan. 'S e frèam fiodh air a' bhalla a-staigh a bh' anns a' mhullach, le fòdan fraoich is tughadh air uachdar, is air a chumail air le lìon le clachan ceangailte air. Tha similear ann an stuadh an taighe seo, ach gu tric cha bhiodh similear idir ann an taigh dubh agus bhiodh an teine ann am meadhan an t-seòmair ged nach biodh uinneagan no similear ann. Bhiodh beathaichean is daoine a' fuireach san aon togalach.

Bha daoine a' fuireach ann an taighean-dubha gus na 1970an agus tha cuid de na taighean gan sgeadachadh aig an àm seo mar taighean do dhaoine air saor-làithean le goireasan uile an latha an-diugh.

Chithear Beinn Ghobhlach a tha air rubha Sgoraig eadar Loch Bhraoin Bheag agus Loch Braoin ri cùl na deilbhe. Ged nach eil e air tè de na beanntan as motha ann an Alba - chan eil i ach 2083 tròighean (635m) a dh'àirde - tha coltas drùidhteach air a chionn 's gu bheil e leis fhèin.

Tha Eilean Ghruinneaird nas fhaide a-mach anns a' bhàgh. Chaidh an t-eilean a chleachdadh mar àite deuchainn do dh' armachd bith-eòlasach is chaidh anthrax a chur air ann an 1942. Mairidh anthrax san ùir fad iomadh bliadhna. B' ann an 1990, an dèidh iomadh oidhirp air dì-thruailleadh, a chaidh a dhearbhadh gun robh an t-eilean sàbhailte. Chan eil anthrax air na caoraich a tha a' fuireach air an eilean a-nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Camas Ghruinneard

1930an

cairtean-puist; taighean-dubha; eileanan; anthrax; armachd bith-eòlasach; Beinn Ghobhlach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection