Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn Ghruinneaird aig Camas Ghruinneard
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0595
ÀITE
Camas Ghruinneard
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an;1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32516
KEYWORDS
cairtean-puist
Toirbheartan
armachd bith-eòlasach
anthrax
Cabeg Hill at Gruinard Bay

Chithear Beinn Ghruinneaird aig Camas Ghruinneard san dealbh seo.

Tha an rathad a' dol suas beinn chas Ghruinneard no Cabag, aig ceann a deas a' bhàigh. Tha Camas Ghruinneard na chaolas mara air costa taobh siar Rois. Tha tràighean brèagha le gainmheach caran pinc anns a' bhàgh. Tha an t-ainm Gruinneard a' tighinn às an Lochlannais agus tha e a' ciallachadh an dara cuid bàgh uaine no bàgh ao-domhainn. Tha am bàgh an dà chuid uaine agus ao-domhainn. Tha Abhainn Ghruinneard Bheag a' sruthadh bho Fhionn Loch don bhàgh agus tha e a' comharrachadh na crìche eadar paraistean Gheàrrloch agus Loch Bhraoin.

Tha Eilean Ghruinneard nas fhaide a-mach anns a' bhàgh. Chaidh an t-eilean a chleachdadh mar àite deuchainn do dh' armachd bith-eòlasach is chaidh anthrax a chur air ann an 1942. Mairidh anthrax san ùir fad iomadh bliadhna. B' ann an 1990, an dèidh iomadh oidhirp air dì-thruailleadh, a chaidh a dhearbhadh gun robh an t-eilean sàbhailte. Chan eil anthrax air na caoraich a tha a' fuireach air an eilean a-nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn Ghruinneaird aig Camas Ghruinneard

ROS: Geàrrloch

1950an;1960an

cairtean-puist; Toirbheartan; armachd bith-eòlasach; anthrax

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chithear Beinn Ghruinneaird aig Camas Ghruinneard san dealbh seo. <br /> <br /> Tha an rathad a' dol suas beinn chas Ghruinneard no Cabag, aig ceann a deas a' bhàigh. Tha Camas Ghruinneard na chaolas mara air costa taobh siar Rois. Tha tràighean brèagha le gainmheach caran pinc anns a' bhàgh. Tha an t-ainm Gruinneard a' tighinn às an Lochlannais agus tha e a' ciallachadh an dara cuid bàgh uaine no bàgh ao-domhainn. Tha am bàgh an dà chuid uaine agus ao-domhainn. Tha Abhainn Ghruinneard Bheag a' sruthadh bho Fhionn Loch don bhàgh agus tha e a' comharrachadh na crìche eadar paraistean Gheàrrloch agus Loch Bhraoin. <br /> <br /> Tha Eilean Ghruinneard nas fhaide a-mach anns a' bhàgh. Chaidh an t-eilean a chleachdadh mar àite deuchainn do dh' armachd bith-eòlasach is chaidh anthrax a chur air ann an 1942. Mairidh anthrax san ùir fad iomadh bliadhna. B' ann an 1990, an dèidh iomadh oidhirp air dì-thruailleadh, a chaidh a dhearbhadh gun robh an t-eilean sàbhailte. Chan eil anthrax air na caoraich a tha a' fuireach air an eilean a-nis