Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Camas Ghruinneard, Taobh Siar Rois
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0597
ÀITE
Camas Ghruinneard
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an; 1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32518
KEYWORDS
cairtean-puist
Toirbheartan
armachd bith-eòlasach
tràighean àrda
fadhlainnean
anthrax
Gruinard Bay, Wester Ross

Sa chairt-phuist seo chithear Camas Ghruinneard, a tha eadar Geàrrloch agus Ulapul.

Tha Camas no Bàgh Ghruinneard na chaolas mara air costa taobh siar Rois. Tha tràighean brèagha aig a' bhàgh, agus gainmheach caran pinc o chreag Thoirbheartain aca. Tha an t-ainm Gruinneard a' tighinn às an Lochlannais agus tha e a' ciallachadh an dara cuid bàgh uaine no bàgh ao-domhainn. Tha am bàgh an dà chuid uaine agus ao-domhainn. Tha Abhainn Ghruinneard Bheag a' sruthadh bho Fhionn Loch don bhàgh agus tha e a' comharrachadh na crìche eadar paraistean Gheàrrloch agus Loch Bhraoin.

Tha am bus na stad air Leathad na Cabaig, an rathad cas a tha a' teàrnadh don bhàgh. Air a' chùlaibh, os cionn na tràghad, tha tràigh àrd, no fadhlainn, ann - tràigh a bh' ann roimhe mus do thuit ìre na mara.

Tha Eilean Ghruinneard nas fhaide a-muigh anns a' bhàgh. Chaidh an t-eilean a chleachdadh ann an 1942 mar àite deuchainn do dh'armachd bith-eòlasach is chaidh anthrax a chur air. Mairidh anthrax san ùir fad iomadh bliadhna. B' ann an 1990, an dèidh iomadh oidhirp air dì-thruailleadh, a chaidh a dhearbhadh gun robh an t-eilean sàbhailte. Chan eil anthrax air na caoraich a tha a' fuireach air an eilean a-nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Camas Ghruinneard, Taobh Siar Rois

ROS: Geàrrloch

1950an; 1960an

cairtean-puist; Toirbheartan; armachd bith-eòlasach; tràighean àrda; fadhlainnean; anthrax

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection