Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Camas Ghruinneard
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0600
ÀITE
Camas Ghruinneard
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32521
KEYWORDS
cairtean-puist
anthrax
armachd bith-eòlasach
Beinn Ghobhlach
Gruinard Bay

Chithear Camas Ghruinneard (eadar Geàrrloch agus Ulapul) sa chairt-phuist seo.

Tha Bàgh Ghruinneard na chaolas mara air costa taobh siar Rois. Tha tràighean brèagha aig a' bhàgh, agus gainmheach caran pinc o chreag Thoirbheartain aca. Tha an t-ainm Gruinneard a' tighinn às an Lochlannais agus tha e a' ciallachadh an dara cuid bàgh uaine no bàgh ao-domhainn. Tha am bàgh an dà chuid uaine agus ao-domhainn. Tha Abhainn Ghruinneard Bheag a' sruthadh bho Fhionn Loch don bhàgh agus tha e a' comharrachadh na crìche eadar paraistean Gheàrrloch agus Loch Bhraoin.

Ri cùl na deilbh, dhan taobh dheas, chithear Beinn Ghobhlach, a tha air Rubha Sgoraig eadar Loch Bhraoin Bheag agus Loch Bhraoin. Ged nach eil i air tè de na beanntan as motha ann an Alba - chan eil i ach 2083 tròighean (635m) a dh'àirde - tha coltas drùidhteach oirre a chionn 's gu bheil i na seasamh leatha fhèin.

Air an taobh chlì tha beanntan Rubha na Còigich ann, gu tuath air Loch Bhraoin.

Tha Eilean Ghruinneard nas fhaide a-muigh anns a' bhàgh. Chaidh an t-eilean a chleachdadh ann an 1942 mar àite deuchainn do dh'armachd bith-eòlasach is chaidh anthrax a chur air. Mairidh anthrax san ùir fad iomadh bliadhna. B' ann an 1990, an dèidh iomadh oidhirp air dì-thruailleadh, a chaidh a dhearbhadh gun robh an t-eilean sàbhailte. Chan eil anthrax air na caoraich a tha a' fuireach air an eilean a-nis

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Camas Ghruinneard

ROS: Geàrrloch

1930an; 1940an

cairtean-puist; anthrax; armachd bith-eòlasach; Beinn Ghobhlach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection