Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clach na h-Uamha, Camas Ghruinneard
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0601
ÀITE
Camas Ghruinneard
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32522
KEYWORDS
cairtean-puist
cairtean-postachd
àiteachan fuirich
Gruinneard
Cabeg
Meallan Udraigil
Na h-Obainean
Seòras MacCoinnich
Calum Cille
caibealan
uaimhean
uamhan
Beinn Ghobhlach
eaglaisean tràtha
Cave Rock, Gruinard Bay

Chithear Clach na h-Uamha, Camas Ghruinneard, sa chairt-phuist seo.

Chaidh a' chlach seo, air stèidh gu math cugallach, a th' air a' chladach fon Leathad, a leagail ann an gèile ann an 1950.

'S e tuineachadh beag aig ceann a deas Chamas Ghruinneard, caolas mara ann an Ros an Iar, a th' anns An Leathad. Tha e suidhichte aig comar an rathaid a tha a' dìreadh suas Cnoc cas na Cabaig agus an rathaid aon-fhillte a tha a' dol gu bailtean croitearachd iomallach Mheallain Ùdraigil agus na h-Òbainean, far a bheil an rathad a' crìochnachadh.

Aig an Leathad tha tobhtaichean caibeil ann. 'S ann o 1713 a tha an togalach seo, nuair a rinn Seòras MacCoinnich Ghruinneard ath-thogail air caibeal a bh' ann roimhe, a chaidh a thogail le Colm Cille, tha daoine a' creidsinn. San naoidheamh linn deug thàinig dith chleachdaidh air a' chaibeal agus chaidh seirbhisean a dhèanamh san uaimh a bha faisg air làimh.

Ri cùl na deilbh, air an taobh dheas, chithear Beinn Ghobhlach, a tha air Rubha Sgoraig eadar Loch Bhraoin Bheag agus Loch Bhraoin. Ged nach eil i air tè de na beanntan as motha ann an Alba - chan eil i ach 2083 tròighean (635m) a dh'àirde - tha coltas drùidhteach oirre a chionn 's gu bheil i na seasamh leatha fhèin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clach na h-Uamha, Camas Ghruinneard

ROS: Geàrrloch

1950an

cairtean-puist; cairtean-postachd; àiteachan fuirich; Gruinneard; Cabeg; Meallan Udraigil; Na h-Obainean; Seòras MacCoinnich; Calum Cille; caibealan; uaimhean; uamhan; Beinn Ghobhlach; eaglaisean tràtha

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection