Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh agus Beinn Ghruinneard pìos às, An Leathad
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0602
ÀITE
Camas Ghruinneard
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32523
KEYWORDS
cairtean-puist
Cabag
Meallan Udraigil
caibealan
Seòras MacCoinnich
Calum Cille
uaimhean
uamhan
Na h-Obainean
Bay and Gruinard Hill in the Distance, Laide

Chithear Camas agus Beinn Ghruinneard pìos às sa chairt-phuist seo agus An Leathad.

Tha Bàgh no Camas Ghruinneard na chaolas mara air costa taobh siar Rois. Tha tràighean brèagha aig a' bhàgh, agus gainmheach caran pinc o chreag Thoirbheartain aca. Tha an t-ainm Gruinneard a' tighinn às an Lochlannais agus tha e a' ciallachadh an dara cuid bàgh uaine no bàgh ao-domhainn. Tha am bàgh an dà chuid uaine agus ao-domhainn. Tha Abhainn Ghruinneard Bheag a' sruthadh bho Fhionn Loch don bhàgh agus tha e a' comharrachadh na crìche eadar paraistean Gheàrrloch agus Loch Bhraoin.

'S e tuineachadh beag aig ceann a deas Chamas Ghruinneard, caolas mara ann an Ros an Iar, a th' anns An Leathad. Tha e suidhichte aig comar an rathaid a tha a' dìreadh suas Cnoc cas na Cabaig agus an rathaid aon-fhillte a tha a' dol gu bailtean croitearachd iomallach Mheallain Ùdraigil agus na h-Òbainean, far a bheil an rathad a' crìochnachadh.

Aig an Leathad tha tobhtaichean caibeil ann. 'S ann o 1713 a tha an togalach seo, nuair a rinn Seòras MacCoinnich Ghruinneard ath-thogail air caibeal a bh' ann roimhe, a chaidh a thogail le Colm Cille, tha daoine a' creidsinn. San naoidheamh linn deug thàinig dith chleachdaidh air a' chaibeal agus chaidh seirbhisean a dhèanamh ann an uaimh a bha faisg air làimh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh agus Beinn Ghruinneard pìos às, An Leathad

ROS: Geàrrloch

1940an

cairtean-puist; Cabag; Meallan Udraigil; caibealan; Seòras MacCoinnich; Calum Cille; uaimhean; uamhan; Na h-Obainean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection