Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Nigheadaireachd air a' Ghàidhealtachd
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0606
ÀITE
Alanais
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
LINN
1910an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32526
KEYWORDS
cairtean-puist
nigheadaireachd
Abharan
coilltean
iasgach
A Highland Washing, Alness

Chithear mar a rinneadh nigheadaireachd air a' Ghàidhealtachd san àm a dh'fhalbh sa chairt-phuist seo.

Air deagh latha samhraidh tha boireannaich is clann air tighinn don abhainn gus an cuid nigheadaireachd a dhèanamh. Tha dithis bhoireannach a' stampadh air aodach ann an tubaichean mòra. Bhiodh an nigheadaireachd an uair sin air a chur don abhainn agus air a chur a-mach air na bruaichean no air a chur air preasan airson tiormachadh.

Chithear Abhainn Alanais faisg air Inbhir Ghòrdain sa chairt-phuist seo. Tha Abhainn Alanais, air a bheil cuideachd an Abharan, a' sruthadh eadar Loch Morie ann an Taobh Siar Rois agus Caolas Chrombaidh. Tha e a' sruthadh don Chaolas ann an Alanais 12 mìle bhon loch. Tha ceann shuas na h-aibhne a' sruthadh tro mhonaidhnean agus planntachadh giuthais ach an seo aig ceann shìos na h-aibhne, tha e a' sruthadh tro thalamh ionaltraidh agus tro dheagh choilltean. Tha craobhan daraich, uinnseann, calltainn, siris, feàrna agus tòrr fhlùraichean a' fàs air bruaichean na h-aibhne. Tha slighe-coiseachd mhòr-chòrdte air bruaichean na h-aibhne agus tha an abhainn ainmeil airson iasgach a' bhradain is a' bhric

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Nigheadaireachd air a' Ghàidhealtachd

ROS

1910an

cairtean-puist; nigheadaireachd; Abharan; coilltean; iasgach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chithear mar a rinneadh nigheadaireachd air a' Ghàidhealtachd san àm a dh'fhalbh sa chairt-phuist seo. <br /> <br /> Air deagh latha samhraidh tha boireannaich is clann air tighinn don abhainn gus an cuid nigheadaireachd a dhèanamh. Tha dithis bhoireannach a' stampadh air aodach ann an tubaichean mòra. Bhiodh an nigheadaireachd an uair sin air a chur don abhainn agus air a chur a-mach air na bruaichean no air a chur air preasan airson tiormachadh. <br /> <br /> Chithear Abhainn Alanais faisg air Inbhir Ghòrdain sa chairt-phuist seo. Tha Abhainn Alanais, air a bheil cuideachd an Abharan, a' sruthadh eadar Loch Morie ann an Taobh Siar Rois agus Caolas Chrombaidh. Tha e a' sruthadh don Chaolas ann an Alanais 12 mìle bhon loch. Tha ceann shuas na h-aibhne a' sruthadh tro mhonaidhnean agus planntachadh giuthais ach an seo aig ceann shìos na h-aibhne, tha e a' sruthadh tro thalamh ionaltraidh agus tro dheagh choilltean. Tha craobhan daraich, uinnseann, calltainn, siris, feàrna agus tòrr fhlùraichean a' fàs air bruaichean na h-aibhne. Tha slighe-coiseachd mhòr-chòrdte air bruaichean na h-aibhne agus tha an abhainn ainmeil airson iasgach a' bhradain is a' bhric