Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Bhaile nan Gobhainn, faisg air Inbhir Ghòrdain
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0607
ÀITE
Baile nan Gobhainn
SGÌRE
Inbhir Ghòrdain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Sgìre Mhoire Shìos
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32527
KEYWORDS
cairtean-puist
Mohammed Al Fayed
ulaidh
mort
toirt am bruid
puinnseanachadh
buidseachd
iarmadan
Naomh Dubhthach
taibhsean
Balnagowan Castle, near Invergordon

Chithear Caisteal Bhaile nan Gobhann sa chairt-phuist seo.

Tha Caisteal Bhaile nan Gobhann suidhichte ann an Ros is Cromba dà mhìle iar-thuath air Inbhir Ghòrdain. B' e seo seann làrach ceann-cinnidh nan Rosach fad iomadh linn. Chaidh an tùr a thogail anns a' 15mh linn agus chaidh a ath-dhealbhadh anns an t-seachdamh linn deug agus chaidh a atharrachadh agus a chur ris gu mòr san ochdamh agus san naoidheamh linn deug. Thòisich an caisteal agus an oighreachd air crìonadh às dèidh bàs Sir Theàrlaich Rois ann an 1942 agus chaidh an reic mu dheireadh thall do Mhohammed Al Fayed ann an 1972. Bha an caisteal ann am fìor dhroch stàite aig an àm sin ach chaidh a sgeadachadh is ùrachadh gu tùr bhon uair sin.

Chunnaic an caisteal aimhreit gu leòr: strì fhuilteach eadar cinnidhean, buidseachd, murt, ulaidh air a thìodhlacadh agus muinntir mi-chliùiteach a' chaisteil fhèin.

Ann an 1487 às dèidh don t-siathamh uachdaran bàs fhaighinn ann am blàir an aghaidh clann MhicAoidh, thug a bhean air fir ulaidh an teaghlaich a thìodhlacadh agus an uair sin, phuinnseanaich i na fir a bha air an ulaidh a thìodhlacadh dhi. Thathar ag ràdh gu bheil an ulaidh fhathast na laighe far an deach a chur air falach.

Anns an t-siathamh linn deug, chuir an t-ochdamh uachdaran, Alasdair Ros, uamhas air daoine san sgìre. Rè àm an ath-leasachaidh, dh'iarr a fhear-dàimh Nicholas Ros, Probhaist Baile Dhubhthaich agus Mhanachainn Rois, air Alasdair a bhith a' coimhead às dèidh na cuimhneachain òir is airgid bho chaibeal Naomh Dhubhthaich. Chan fhacas na cuimhneachain prìseil seo a-rithist. Chuireadh crìoch air obair sgrios is sladaidh Alasdair nuair a chaidh a chur fo ghlas ann an Caisteal Tantallan.

Chaidh a chur às leth a mhac, Seòras, gun tug e Iain Ros a Dùn Èideann am bruid, gun do mhurt e iomadh duine agus gun do chuidich e Iarla Bothwell nuair a bha e fon choille. Chaidh casaidean buidseachd agus puinnseanachd a thogail an aghaidh a pheathar Catriona ach chaidh fhaighinn neo-chiontach a chionn's gun robh tòrr de a muinntir fhèin air an diùraidh.

Thathar ag ràdh gu bheil taibhse Anndra 'Dhubh' Rothaich a' fuireach ann an Baile nan Gobhann. 'S ann à Caisteal Milton faisg air làimh a bha an duine aingidh seo. Chaidh tòrr de na tuathanaich aige a mharbhadh leis no a thìodhlacadh leis agus iad fhathast beò. Thug e air na boireannaich a bhith a' buain agus iad rùisgte. A rèir beul-aithris, thuit e air staidhre a' chaisteil agus bhris e a amhaich nuair a bha e a' coimhead air an sealladh seo. Nuair a chaidh Caisteil Milton a leigeil, rinn a thaibhse imrich do Bhaile nan Gobhann. Tha sgeulachd eile ann gun deach a chrochadh bho uinneig ann an Caisteal Bhaile nan Gobhann.

Tha taibhse ann cuideachd de bhana-phrionnsa a chaidh a mharbhadh. Tha a corp ann am ballachan a' chaisteil agus bi a spiorad a' coiseachd sna trannsaichean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Bhaile nan Gobhainn, faisg air Inbhir Ghòrdain

ROS: Sgìre Mhoire Shìos

1900an

cairtean-puist; Mohammed Al Fayed; ulaidh; mort; toirt am bruid; puinnseanachadh; buidseachd; iarmadan; Naomh Dubhthach; taibhsean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection