Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Mairead Bochel mu mhasgaichean gas
EXTERNAL ID
WD_HF08_TRACK01_BOCHEL
ÀITE
Inbhir Narann
SIORRACHD/PARRAIST
SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Margaret Bochel
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3253
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
masgaichean gas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Mairead Bochel nuair a chaidh masgaichean gas an toirt seachad an Inbhir Narainn san Dàrna Cogadh.

Masgaichean gas? Seadh, tha cuimhn' agam nuair a chaidh an toirt a-mach. Bha diofar dhaoine ann a bha a' gabhail sin os-làimh agus a' tighinn - sgìre shònraichte a bhiodh aca - àireamh de shràidean, a dh'fheumadh iad a dhol thuige. Bha mise a' fuireach shìos ann am Fishertown, Baile nan Iasgair, eil thu 'faicinn, 's mar sin dh'fheumamaid a dhol sìos gu Talla nan Iasgair; b' e sin am meadhan às an robh na masgaichean gas air an sgaoileadh. Mar sin chaidh sinn ann agus gu luath chaidh ar feuchainn leotha a thaobh meud, eil fhios agaibh, agus gu fìrinneach bha sin a' cur eagail oirnn cuideachd, a' smaoineachadh gur dòcha gum feumadh sinn an cleachdadh gu ceart uaireigin gus ar beathannan a shàbhaladh. Agus chaidh bèibidhean an cur a-steach gu feadhainn mhòra. Am faca sibh a-riamh iad?

Er, chunnaic.

Seadh, saoilidh mi gun deach am bèibidh gu lèir, no a' chuid as motha dheth co-dhiù, a-steach na bhroinn; 's e masg mòr a bh' ann co-dhiù. Ach gu fortanach, cha tàinig oirnn an cur gu feum an seo. Ach b' fheudar dhut do mhasg a ghiùlan mun cuairt leat. B' fheudar dhuinn an toirt dhan sgoil, mar eiseimpleir, eil fhios, thairis air - fhuair sinn uile cèisean beaga dhaibh caran coltach ri baga na sgoile, seadh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Mairead Bochel mu mhasgaichean gas

SIORRACHD NARANN: Inbhir Narann

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; masgaichean gas; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)