Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Uilleam Sutharlanach mu mhasgaichean gas
EXTERNAL ID
WD_HF08_TRACK03_SUTHERLAND
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Hacraig
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Willie Sutherland
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3254
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
masgaichean gas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha cuimhn' aig Uilleam Sutharlanach mar a chuir cuideigin masga gas orra ann an spòrs aig àm an Dàrna Cogaidh.

Um, a- rithist gu taingealach, cha tàinig oirnn na masgaichean gas a chur oirnn da-rìreadh, ach b' fheudar dhuinn an cur nan suidhe air seuta san sgoil agus dh'èigheadh an tidsear an-dràsta 's a-rithist, 'Gas!' agus dh'fheumadh tu ruith agus do mhasg a chur ort, eil fhios - seòrsa de dh'eacarsaich, ach dh'fhaodadh e a bhith da-rìreadh. Ach seachad sin, cha mhòr gu robh an rud oirnn idir ach a-mhàin an laochan a bha a' dannsa a Highland Fling agus masg gas air - dh'innis mi dhuibh an sgeulachd sin, nach do dh'innis? 'S e duine a bh' ann, seòrsa de dh'fhear-siubhail nan rathaidean, fear bochd a' dol mun cuairt agus ràinig e dhan sgoil againne là nuair a bha sinn a-muigh san raon-chluiche agus bha masg gas aige - dh'fheumadh masg gas a bhith aig a h-uile duine riamh - agus mar a shaoileadh sibh thòisich sinne ag èigheachd 's a' cur fàilte air agus a h-uile seòrsa. Cha robh sinn idir mì-mhodhail ris no cail idir mar sin. Air a' cheann thall, chuir e air a mhasg gas agus rinn e a Highland Fling air an rathad - daoi dail daoi dail daoi dail duì [Gaireachdainn] agus masg gas air. Chan fhaca tu càil a-riamh cho èibhinn ris na do bheatha! [Gàireachdainn] Mar sin bha gàireachdainn ann cuideachd - taobh eile na cùis, eil fhios agaibh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Uilleam Sutharlanach mu mhasgaichean gas

GALLAIBH: Hacraig

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; masgaichean gas; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha cuimhn' aig Uilleam Sutharlanach mar a chuir cuideigin masga gas orra ann an spòrs aig àm an Dàrna Cogaidh.<br /> <br /> Um, a- rithist gu taingealach, cha tàinig oirnn na masgaichean gas a chur oirnn da-rìreadh, ach b' fheudar dhuinn an cur nan suidhe air seuta san sgoil agus dh'èigheadh an tidsear an-dràsta 's a-rithist, 'Gas!' agus dh'fheumadh tu ruith agus do mhasg a chur ort, eil fhios - seòrsa de dh'eacarsaich, ach dh'fhaodadh e a bhith da-rìreadh. Ach seachad sin, cha mhòr gu robh an rud oirnn idir ach a-mhàin an laochan a bha a' dannsa a Highland Fling agus masg gas air - dh'innis mi dhuibh an sgeulachd sin, nach do dh'innis? 'S e duine a bh' ann, seòrsa de dh'fhear-siubhail nan rathaidean, fear bochd a' dol mun cuairt agus ràinig e dhan sgoil againne là nuair a bha sinn a-muigh san raon-chluiche agus bha masg gas aige - dh'fheumadh masg gas a bhith aig a h-uile duine riamh - agus mar a shaoileadh sibh thòisich sinne ag èigheachd 's a' cur fàilte air agus a h-uile seòrsa. Cha robh sinn idir mì-mhodhail ris no cail idir mar sin. Air a' cheann thall, chuir e air a mhasg gas agus rinn e a Highland Fling air an rathad - daoi dail daoi dail daoi dail duì [Gaireachdainn] agus masg gas air. Chan fhaca tu càil a-riamh cho èibhinn ris na do bheatha! [Gàireachdainn] Mar sin bha gàireachdainn ann cuideachd - taobh eile na cùis, eil fhios agaibh. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.