- TIOTAL
- Baile na Comraich agus Cuiltheann an Eilein Sgitheanaich
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_0620
- ÀITE
- A' Chomraich
- SGÌRE
- Loch Carrann
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: A' Chomraich
- LINN
- 1950an; 1960an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 32540
- KEYWORDS
- A' Chomraich
An Cuiltheann
An t-Eilean Sgitheanach

Tha an t-ainm A' Chomraich co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus tha e air a chleachdadh gu h-ionadail airson a' bhaile bhon 19mh linn sa bheil taigh-seinnse agus oifis-puist. Tha am baile air Bàgh beag na Comraich, a' coimhead ris an Linne a-Staigh, agus air taobh eile na Linne tha Ratharsair, aon de na h-Eileanan a-Staigh.
Tha Abhainn bheag na Comraich a' sruthadh dhan bhàgh aig A' Chomraich. 'S e A' Chomraich cuideachd ainm oighreachd na sgìre.
'S e An Cuiltheann sreath de bheanntan creagach san Eilean Sgitheanach ann an Alba. Canar cuideachd An Cuiltheann Dubh ris an fhìor Chuiltheann airson a shònrachadh bhon Chuiltheann Dhearg tarsainn Ghleann Shligeachan. Tha an Cuiltheann Dearg nas ìsle agus leis nach eil e cho creagach, tha nas lugha àitean ann airson sporghail no sreap. Am bitheantas chan fhaigh e an aon aire 's a gheibh a nàbaidh as àirde.
'S e an t-àite as àirde sa Chuiltheann, gu dearbh san Eilean Sgitheanach, Sgùrr Alasdair sa Chuiltheann Dhubh aig 992m (3255t)