Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Clachan, A' Chomraich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0621
ÀITE
A' Chomraich
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32541
KEYWORDS
clachan
A' Chomraich
Clachan, Applecross

Tha an t-ainm A' Chomraich co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus tha e air a chleachdadh gu h-ionadail airson a' bhaile bhon 19mh linn sa bheil taigh-seinnse agus oifis-puist. Tha am baile air Bàgh beag na Comraich, a' coimhead ris an Linne a-Staigh, agus air taobh eile na Linne tha Ratharsair, aon de na h-Eileanan a-Staigh.

Tha Abhainn bheag na Comraich a' sruthadh dhan bhàgh aig A' Chomraich. 'S e A' Chomraich cuideachd ainm oighreachd na sgìre.

'S e àite tuineachaidh beag dualchasach a th' ann an clachan. Mar as trice canar gur e baile beag a th' ann gun eaglais, gun oifis-puist no togalach oifigeil eile. Chan eil fhios cò às a dh'èirich iad, ach tha e coltach gum bheil iad ann o shean, bho na meadhan aoisean 's math dh'fhaoidte. Ann am fìor chlachan bhiodh grunnan thaighean beaga aon làir ann le tuathanaich agus/no le iasgairean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Clachan, A' Chomraich

ROS: A' Chomraich

1930an; 1940an

clachan; A' Chomraich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha an t-ainm A' Chomraich co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus tha e air a chleachdadh gu h-ionadail airson a' bhaile bhon 19mh linn sa bheil taigh-seinnse agus oifis-puist. Tha am baile air Bàgh beag na Comraich, a' coimhead ris an Linne a-Staigh, agus air taobh eile na Linne tha Ratharsair, aon de na h-Eileanan a-Staigh. <br /> <br /> Tha Abhainn bheag na Comraich a' sruthadh dhan bhàgh aig A' Chomraich. 'S e A' Chomraich cuideachd ainm oighreachd na sgìre.<br /> <br /> 'S e àite tuineachaidh beag dualchasach a th' ann an clachan. Mar as trice canar gur e baile beag a th' ann gun eaglais, gun oifis-puist no togalach oifigeil eile. Chan eil fhios cò às a dh'èirich iad, ach tha e coltach gum bheil iad ann o shean, bho na meadhan aoisean 's math dh'fhaoidte. Ann am fìor chlachan bhiodh grunnan thaighean beaga aon làir ann le tuathanaich agus/no le iasgairean