Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rathad a' Bhealaich, A' Chomraich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0626
ÀITE
Bealach na Bà
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1930an; 1940an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32546
KEYWORDS
Treamhar nam Preas
Lùb Mhòr Bealach na Bà
A' Chomraich
Bealach na Bà
Rathad a' Bhealaich
Bealach Road, Applecross

'S e seo rathad cumhang a tha a' falbh far an A896 eadar Loch Carrann is Sìldeag agus a' dol thar nam beanntan dhan Chomraich.

Tha an rathad seo ann an àite gruamach, fosgailte agus tha e ag èirigh bho ìre na mara aig baile na Comraich gu còrr is 2,000 troigh aig a' mhullach sia mìle a-staigh air an dùthaich. Tha a' chuid dheth ris an canar Bealach na Bà uabhasach cas is lùbach agus bidh e tric dùinte sa gheamhradh.

Mìle deas air a' mhullach tha Lùb Mhòr Bealach na Bà, lùb theann dùbailte le droch chliù a tha ag èirigh aig caisead 1-ann an-3. Tha an rathad ùr a' seachnadh nan lùban teann ach tha an seann rathad ann fhathast agus faodar coiseachd air a shlighe air neo dhol air le cùram air baidhsagal.

Tha an t-ainm A' Chomraich co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus tha e air a chleachdadh gu h-ionadail airson a' bhaile bhon 19mh linn sa bheil taigh-seinnse agus oifis-puist. Tha am baile air Bàgh beag na Comraich, a' coimhead ris an Linne a-Staigh, agus air taobh eile na Linne tha Ratharsair, aon de na h-Eileanan a-Staigh.

Tha Abhainn bheag na Comraich a' sruthadh dhan bhàgh aig A' Chomraich. 'S e A' Chomraich cuideachd ainm oighreachd na sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rathad a' Bhealaich, A' Chomraich

ROS: A' Chomraich

1930an; 1940an

Treamhar nam Preas; Lùb Mhòr Bealach na Bà; A' Chomraich; Bealach na Bà; Rathad a' Bhealaich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection