Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Poll a' Chrèadha, Cùil Duibh, A' Chomraich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0634
ÀITE
Cùil Duibh
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32554
KEYWORDS
Cùil Duibh
Poll a' Chrèadha
A' Chomraich
Pol A Chre, Culduie, Applecross

'S e clachan beag ann an Ros an Iar a th' ann an Cùil Duibh. 'S e Allt nan Corp a th' air an t-sruthan a tha a' ruith seachad air ceann a tuath a' bhaile. Chan eil fhios aig duine cò às a dh'èirich ainm a' chlachain no an t-sruthain - 's dòcha uaireigin o chionn fhada gun do thachair droch rud ann an Cùil Duibh air a bheil cuimhne a-mhàin anns na h-ainmean a-nis.

'S dòcha gu bheil tuairmse air a' mhìneachadh ri fhaotainn ann an ainm na h-acarsaid a tha faisg air làimh - Poll a' Chrèadha. Ann an 1905 chaidh sgeulachd a chlàradh ann an Gnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis mun ealain dhubh 'Corp Crèadha' far a bheil corp crèadha air a dhèanamh 's air fhàgail ann an struthan. Bidh am fear no tè a tha an ìomhaigh a' riochdachadh a' fàs tinn 's a' bàsachadh mura tèid an corp crèadha a lorg mus tuit e às a chèile.

Air neo 's dòcha gu bheil ainm an t-sruthain dìreach a' sealltainn gur e àite a bh' ann far am biodh buidhnean tiodhlacaidh a' stad sna lathaichean nuair a dh'fheumadh cistichean a bhith air an giùlain astaran fada le sgioba de dh'fhireannaich a dh'fheumadh stad gu tric airson 'ùrachadh'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Poll a' Chrèadha, Cùil Duibh, A' Chomraich

ROS: A' Chomraich

Cùil Duibh; Poll a' Chrèadha; A' Chomraich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

'S e clachan beag ann an Ros an Iar a th' ann an Cùil Duibh. 'S e Allt nan Corp a th' air an t-sruthan a tha a' ruith seachad air ceann a tuath a' bhaile. Chan eil fhios aig duine cò às a dh'èirich ainm a' chlachain no an t-sruthain - 's dòcha uaireigin o chionn fhada gun do thachair droch rud ann an Cùil Duibh air a bheil cuimhne a-mhàin anns na h-ainmean a-nis.<br /> <br /> 'S dòcha gu bheil tuairmse air a' mhìneachadh ri fhaotainn ann an ainm na h-acarsaid a tha faisg air làimh - Poll a' Chrèadha. Ann an 1905 chaidh sgeulachd a chlàradh ann an Gnìomhan Comann Gàidhlig Inbhir Nis mun ealain dhubh 'Corp Crèadha' far a bheil corp crèadha air a dhèanamh 's air fhàgail ann an struthan. Bidh am fear no tè a tha an ìomhaigh a' riochdachadh a' fàs tinn 's a' bàsachadh mura tèid an corp crèadha a lorg mus tuit e às a chèile.<br /> <br /> Air neo 's dòcha gu bheil ainm an t-sruthain dìreach a' sealltainn gur e àite a bh' ann far am biodh buidhnean tiodhlacaidh a' stad sna lathaichean nuair a dh'fheumadh cistichean a bhith air an giùlain astaran fada le sgioba de dh'fhireannaich a dh'fheumadh stad gu tric airson 'ùrachadh'