Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ciseorn bho Rathad na Comraich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0642
ÀITE
Bealach na Bà
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32562
KEYWORDS
Treamhar nam Preas
Lùb Mhòr Bealach na Bà
A' Chomraich
Bealach na Bà
Rathad a' Bhealaich
Loch Ciseorn
Loch Kishorn from the Applecross Road

'S e seo rathad cumhang a tha a' falbh far an A896 eadar Loch Carrann is Sìldeag agus a' dol thar nam beanntan dhan Chomraich.

Tha an rathad seo ann an àite gruamach, fosgailte agus tha e ag èirigh bho ìre na mara aig baile na Comraich gu còrr is 2,000 troigh aig a' mhullach sia mìle a-staigh air an dùthaich. Tha a' chuid dheth ris an canar Bealach na Bà uabhasach cas is lùbach agus bidh e tric dùinte sa gheamhradh.

Mìle deas air a' mhullach tha Lùb Mhòr Bealach na Bà, lùb theann dùbailte le droch chliù a tha ag èirigh aig caisead1-ann an-3. Tha an rathad ùr a' seachnadh nan lùban teann ach tha an seann rathad ann fhathast agus faodar coiseachd air a shlighe air neo dhol air le cùram air baidhsagal. ’S e 1 ann an 7 (14%) caisead chuibheasach an dìridh air fad.

Tha an t-ainm A' Chomraich co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus tha e air a chleachdadh gu h-ionadail airson a' bhaile bhon 19mh linn sa bheil taigh-seinnse agus oifis-puist. Tha am baile air Bàgh beag na Comraich, a' coimhead ris an Linne a-Staigh, agus air taobh eile na Linne tha Ratharsair, aon de na h-Eileanan a-Staigh.

Tha Abhainn bheag na Comraich a' sruthadh dhan bhàgh aig A' Chomraich. 'S e A' Chomraich cuideachd ainm oighreachd na sgìre.

'S e loch mara ann an iar-thuath Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann an Loch Ciseorn, is tha e a' sgaradh rubha na Comraich bho sgìre Loch Carrann. Tha e mu 1.5cil a leud agus 4cil a dh'fhaid.

Tha grunn eileanan beaga aig beul an locha agus 's e Eilean Ciseorn as motha dhiubh.

Tha trì tuineachaidhean beaga nan sreath air cladach deas an locha. Gu coitcheann canar Ciseorn ris na trì còmhla

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ciseorn bho Rathad na Comraich

ROS: A' Chomraich

1950an

Treamhar nam Preas; Lùb Mhòr Bealach na Bà; A' Chomraich; Bealach na Bà; Rathad a' Bhealaich; Loch Ciseorn

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection