Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais na Comraich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0643
ÀITE
A' Chomraich
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: A' Chomraich
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32563
KEYWORDS
eaglais na Comraich
Ros an Iar
Applecross Church

An eaglais ann am baile na Comraich.

Bha a' mhanachainn thùsail suidhichte timcheall air làrach eaglais na paraiste (togte 1817). Tha leac-tarsainn mhòr neo-chrìochnaichte a tha na seasamh sa chladh, agus trì mìrean bho thè eile (no còrr is aon?)air an snaigheadh gu fìor ghrinn a tha air an gleidheadh san eaglais, nam fianais air a' mhanachainn thùsail.

'S e A' Chomraich (no tèarmann)a chanar ris an sgìre mun cuairt sa Ghàidhlig. Uaireigin bha a crìochan air an comharrachadh le croisean. Tha bun tè a chaidh a sgrios ann an 1870 fhathast am measg togalaichean tuathanais aig Camas Tearach.

Tha an t-ainm A' Chomraich co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus tha e air a chleachdadh gu h-ionadail airson a' bhaile bhon 19mh linn sa bheil taigh-seinnse agus oifis-puist. Tha am baile air Bàgh beag na Comraich, a' coimhead ris an Linne a-Staigh, agus air taobh eile na Linne tha Ratharsair, aon de na h-Eileanan a-Staigh.

Tha Abhainn bheag na Comraich a' sruthadh dhan bhàgh aig A' Chomraich. 'S e A' Chomraich cuideachd ainm oighreachd na sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais na Comraich

ROS: A' Chomraich

1920an; 1930an

eaglais na Comraich; Ros an Iar

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection