Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh aithghearr den Phloc, Loch Carrann agus beanntan na Comraich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0644
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1940an; 1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32564
KEYWORDS
Am Ploc
Ploc Loch Aillse
Loch Carrann
A' Chomraich
A glimpse of Plockton, Loch Carron and the mountains of Applecross

'S e Am Ploc/Ploc Loch Aillse baile ann an Gàidhealtachd na h-Alba, is 378 de shluagh ann.

'S e tuineachadh àillidh a th' ann air cladach Loch Carrann. Tha e a' coimhead gu sear, air falbh bho na gnàth-ghaothan a tha, cuide ri Sruth a' Chuain Atlantaig a Tuath, a' fàgail gnàth-shìde tlàth ann a leigeas le craobhan-pailm (craobhan-càil ann an da-rìreabh) fàs.

'S ann on 18mh 's an 19mh linn a tha a' chuid as motha de na taighean. 'S e coimhearsnachd air a dheilbh a bh' ann, agus iasgach na mheadhan, ann an oidhirp gus stad a chur air às-imrich on Ghàidhealtachd.

'S e Loch Carrann loch mara air cost an iar Rois is Chrombaigh air Gàidhealtachd na h-Alba. 'S ann an seo a tha Abhainn Charrainn a' dol a-steach don Chuan Shiar a Tuath.

A-rèir nan clàran mara, tha ruith an t-sruth a' ruighinn luaths 3 mìle mara sa chaolas, ged a tha glè bheag de bhuaireas mara on t-sruth. Tha doimhneachd na mara nas lugha na 20meatair sa chaolas, ach 's na h-òban air gach taobh tha i cho domhainn ri 100m. Shìos fo na sgorran aig Caisteal an t-Stròim tha sgaoth de shligean 'flame' ann.

Tha an t-ainm 'Applecross' (Abar Chrosain, ged 's e A' Chomraich a th' air ann an Gàidhlig an-diugh) co-dhiù 1300 bliadhna a dh'aois agus san sgìre 's ann ris a' bhaile bheag on 19mh linn, leis an taigh-òst 's am post-oifis, a tha iad a' cur an ainm. Tha iad seo nan laighe air Bàgh beag Abar Chrosain, mu choinneamh a' Chaolais A-staigh far a bheil Eilean Ratharsair ann an Innse Gall A-staigh na laighe air an taobh thall.

Tha Abhainn bheag na Comraich a' dol a-steach don bhàgh aig a' Chomraich, agus 's e 'Applecross' cuideachd a th' air an oighreachd san sgìre.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh aithghearr den Phloc, Loch Carrann agus beanntan na Comraich

ROS: Loch Aillse

1940an; 1950an

Am Ploc; Ploc Loch Aillse; Loch Carrann; A' Chomraich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection