Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Cuimhneachain Cogaidh, Alanais
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0676
ÀITE
Alanais
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32596
KEYWORDS
cuimhneachain cogaidh
alanais
War Memorial, Alness

Is e baile ann an Ros is Cromba air Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann an Alanais.

Leis an Abhainn Abharan a' ruith troimhe tha e ann an dà pharaiste, Alanais air an taobh an iar agus Ros Cuithne san taobh an ear. B' e port a bh' ann ann an Linne Chrombaidh ann an 1690, ach thòisich e a' fàs mar thuineachadh ceart air gach taobh den aiseig tarsainn na h-aibhne air slighe an rathaid mhòir a chaidh a thogail ann an 1715. Ann an 1810 rinn Telford leasachadh mòr air an rathad agus thog e an drochaid seo thairis air an Abhainn Abharan.

Chaidh an cuimhneachan cogaidh aig ceann shuas na Sràid Àird a thaisbeanadh san t-Sultain, 1921 le Raibeart Rothach à Alanais. Rugadh an Rothach ann an Alanais ann an 1868, agus bhuineadh e dhan Eaglais Shaor. Dh'èirich e bho bhith na Fhear-lagha gu Comhairliche Rìgh agus an uair sin chaidh a thaghadh mar BhP Libearalach ann an riaghaltas Lloyd George agus Asquith. Dh'fhàs e na b' ainmeile buileach nuair a fhuair e dreuchd Rùnaire na Stàite ann an Alba agus mu dheireadh chaidh uaisleachadh mar Mhorair Alanais ann an 1934

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Cuimhneachain Cogaidh, Alanais

ROS

cuimhneachain cogaidh; alanais

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Is e baile ann an Ros is Cromba air Gàidhealtachd na h-Alba a th' ann an Alanais.<br /> <br /> Leis an Abhainn Abharan a' ruith troimhe tha e ann an dà pharaiste, Alanais air an taobh an iar agus Ros Cuithne san taobh an ear. B' e port a bh' ann ann an Linne Chrombaidh ann an 1690, ach thòisich e a' fàs mar thuineachadh ceart air gach taobh den aiseig tarsainn na h-aibhne air slighe an rathaid mhòir a chaidh a thogail ann an 1715. Ann an 1810 rinn Telford leasachadh mòr air an rathad agus thog e an drochaid seo thairis air an Abhainn Abharan.<br /> <br /> Chaidh an cuimhneachan cogaidh aig ceann shuas na Sràid Àird a thaisbeanadh san t-Sultain, 1921 le Raibeart Rothach à Alanais. Rugadh an Rothach ann an Alanais ann an 1868, agus bhuineadh e dhan Eaglais Shaor. Dh'èirich e bho bhith na Fhear-lagha gu Comhairliche Rìgh agus an uair sin chaidh a thaghadh mar BhP Libearalach ann an riaghaltas Lloyd George agus Asquith. Dh'fhàs e na b' ainmeile buileach nuair a fhuair e dreuchd Rùnaire na Stàite ann an Alba agus mu dheireadh chaidh uaisleachadh mar Mhorair Alanais ann an 1934