Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Donnchadh MacAonghais mun dubhadh-às
EXTERNAL ID
WD_HF08_TRACK08_MACINNES
ÀITE
Èirisgeigh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Duncan MacInnes
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3261
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
dubhadh-às
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Donnchadh MacAonghais ag innse sgeulachd èibhinn mun dubhadh-às ann an Eirisgeigh aig àm an Dàrna Cogaidh.

Bha an dubhadh-às dona. Eil fhios agaibh gum feumadh a h-uile solas a bhith air a chur dheth às dèidh seachd uairean a dh'oidhche co-dhiù. Chan fhaodadh solas sam bith a bhith air. Bha na cailleachan agus na bodaich sna taighean uabhasach. Chan fhaodadh tu fiù 's coinneal a chur thuige ann an taigh. Bha sùilean dubha agad le bhith a' tuiteam thairis fad na h-ùine. Ach an duine bha seo - chleachd e a bhith a' gabhail drama glè mhath agus bha e - bha gealach mhòr ann an oidhche sin agus bha e a' tighinn suas an rathad agus chunnaic e an solas a bha seo san uinneig. 'O mo chreach!' thuirt e. 'Thig na Gearmailtich a-nall a-nochd.' Agus rinn e air an taigh agus thòisich e a' bualadh air an doras. Thàinig am boireannach bochd a-mach is thuirt i, "Dè idir a tha ceàrr, a Chaluim?" "Haoi!" thuirt e, "tha solas mòr agaibh a' deàrrsadh san uinneig thall an siud." "Càite? Chan eil solas sam bith agam air idir." "Trobhad sibhse is faic e." 'S e faileas na gealaich a bh' ann a' bualadh air gloine na h-uinneig. Thuirt ise, "Thalla thusa is cuir an donas cùrtair agad air a' mhòintich!" [Gàireachdainn]

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Donnchadh MacAonghais mun dubhadh-às

INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; dubhadh-às; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Donnchadh MacAonghais ag innse sgeulachd èibhinn mun dubhadh-às ann an Eirisgeigh aig àm an Dàrna Cogaidh.<br /> <br /> Bha an dubhadh-às dona. Eil fhios agaibh gum feumadh a h-uile solas a bhith air a chur dheth às dèidh seachd uairean a dh'oidhche co-dhiù. Chan fhaodadh solas sam bith a bhith air. Bha na cailleachan agus na bodaich sna taighean uabhasach. Chan fhaodadh tu fiù 's coinneal a chur thuige ann an taigh. Bha sùilean dubha agad le bhith a' tuiteam thairis fad na h-ùine. Ach an duine bha seo - chleachd e a bhith a' gabhail drama glè mhath agus bha e - bha gealach mhòr ann an oidhche sin agus bha e a' tighinn suas an rathad agus chunnaic e an solas a bha seo san uinneig. 'O mo chreach!' thuirt e. 'Thig na Gearmailtich a-nall a-nochd.' Agus rinn e air an taigh agus thòisich e a' bualadh air an doras. Thàinig am boireannach bochd a-mach is thuirt i, "Dè idir a tha ceàrr, a Chaluim?" "Haoi!" thuirt e, "tha solas mòr agaibh a' deàrrsadh san uinneig thall an siud." "Càite? Chan eil solas sam bith agam air idir." "Trobhad sibhse is faic e." 'S e faileas na gealaich a bh' ann a' bualadh air gloine na h-uinneig. Thuirt ise, "Thalla thusa is cuir an donas cùrtair agad air a' mhòintich!" [Gàireachdainn] <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.