Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t-Eilean Dubh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0706
ÀITE
An t-Eilean Dubh
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32628
KEYWORDS
eilean dubh
The Black Isle

Chan e eilean a th' anns an Eilean Dubh ach leth-eilean ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Tha e mu 23 mìle de dh'fhad agus mu 9 mìle de leud san àite as leatha e. agus tha e cha mhòr air chumadh uighe. Tha e suidhichte tuath air Inbhir Nis le Inbhir Pheofharain gun taobh an iar dheth.

Tha e ceangailte ri tìr-mòr aig ceann Linneachan Chrombaigh agus na Manachainn agus chan eil am facal 'Dubh' càil nas freagarraiche na tha am facal 'Eilean'. Chan eil cinnt sam bith air tùs an ainm, ged a tha co-dhiù sia dòighean mìneachaidh air carson a thàinig e gu bhith na Eilean Dubh, bhon fhear as cuilbheartaiche tro a cheangal ri buidseachd agus na h-ealain dhubha sna meadhan linntean chun an fhir as coltaiche, a tha co-cheangailte ris an talamh san àite a bhith glè dhubh, no gu bheil a leithid de chraobhan ann agus gu bheil e a' coimhead dubh nuair a thèid amharc air bhon sgìre mun cuairt sa gheamhradh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t-Eilean Dubh

1970an

eilean dubh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Chan e eilean a th' anns an Eilean Dubh ach leth-eilean ann an Gàidhealtachd na h-Alba. Tha e mu 23 mìle de dh'fhad agus mu 9 mìle de leud san àite as leatha e. agus tha e cha mhòr air chumadh uighe. Tha e suidhichte tuath air Inbhir Nis le Inbhir Pheofharain gun taobh an iar dheth. <br /> <br /> Tha e ceangailte ri tìr-mòr aig ceann Linneachan Chrombaigh agus na Manachainn agus chan eil am facal 'Dubh' càil nas freagarraiche na tha am facal 'Eilean'. Chan eil cinnt sam bith air tùs an ainm, ged a tha co-dhiù sia dòighean mìneachaidh air carson a thàinig e gu bhith na Eilean Dubh, bhon fhear as cuilbheartaiche tro a cheangal ri buidseachd agus na h-ealain dhubha sna meadhan linntean chun an fhir as coltaiche, a tha co-cheangailte ris an talamh san àite a bhith glè dhubh, no gu bheil a leithid de chraobhan ann agus gu bheil e a' coimhead dubh nuair a thèid amharc air bhon sgìre mun cuairt sa gheamhradh