Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Avril Watt mu dhùdach nan ionnsaigh adhair
EXTERNAL ID
WD_HF08_TRACK09_WATT
ÀITE
Ceann Loch Lìobhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Avril Watt
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3263
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
dùdach ionnsaigh adhair
èideadh
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Avril Watt ag innse mar a bha an fhuaim nuair a sheinneadh dùdach nan ionnsaigh adhair an Ceann Loch Lìobhain san Dàrna Cogadh.

Bha feadhainn de na fireannaich nach deach a-mach ann an èideadh oir dh'fheumadh iad a bhith 'g obair dhan Riaghaltas. Leithid m' athair - bha esan na cheann a' phuist an seo, 's mar sin cha deach e a-mach a shabaid. Dh'fheumadh e a bhith 'sabaid an Ceann Loch Lìobhain. Agus tha mòran dhaoine a' smaoineachadh, a chionn 's gu bheil Ceann Loch Lìobhain na bhaile bheag, nach do bhean an cogadh ris ach 's e a bhean. A chionns, ann an 1939 - 1940 thòisich iad a' togail fasgaidhean an aghaidh ionnsaighean adhair agus tha fear dhiubh dìreach taobh a-muigh geata na sgoile agaibh. Agus nuair a thog iad an starran ùr, dh'iarr mi orra gun a bhith a' beantainn dha, agus chì thu na breigeachan gu lèir fhathast. Ma thionndaidheas tu dhan taobh dheas air an starran sin, a' phìos mhòr rèidh sin, ùrlar de bhreigeachan - tha mi cinnteach gum faca sibh e - 's e fasgadh ionnsaigh adhair a bha sin. Nise, 's ann a bha m' athair an ceann na dùdaich. A chionn 's gur e British Aluminium a bh' ann an uairsin - bha factaraidh an aluminium a' dèanamh ungannan, blocaichean fada de dh'aluminium a bha a' dol dhan Eaglais Bhreac, far am biodh iad a' roileadh a-mach an aluminium agus a' dèanamh nan Spitfires leis, fear de na plèanaichean a b' ainmeile a bh' ann aig àm a' chogaidh. Uill gu follaiseach smaoinich na Gearmailtich, "Chan eil sinne ag iarraidh seo. Tha sinn airson an fhactaraidh an Ceann Loch Lìobhain fhaighinn agus tha sinn airson an fhactaraidh sa Ghearastan a bhualadh." Mar sin bha m' athair an ceann na h-Èiginn. Mar sin ma bha na plèanaichean - agus bha aon bhata-aigeal ann - a' dol suas abhainn Chluaidh seachad Ghlaschu, dh'fheumadh e fios a chur ri British Aluminium gus an dùdach a sheirm. Nise bha an dùdach air mullach talla a' bhaile ri taobh Oifis a' Phuist. Nuair a sheinneadh an dùdach, mur a faigheadh tu gu fasgadh - air neo bha preasan aig tòrr de dhaoine fo 'n staidhre agus bha coltas gu math sàbhailte orra sin - ach 's e bh' ann, cho luath 's a sheinneadh an dùdach bha a h-uile leanaibh sa bhaile a' tòiseachadh a' sgiamhail. Chluinneadh na Gearmailtich iad ann am plèana. [Gàireachdainn] Bhiodh iad a' gal 's ag èigheachd 's a' sgriachail. Dh'fhaodadh e bhith uair a thìde no dà uair a thìde mus tigeadh an dùdach-saoraidh, an all-clear. Bhiodh iad a' seirm dùdaich le fuaim eile gus innseadh gu robh thu sàbhailte, gu faodadh tu tighinn a-mach bho d' àite fàsgaidh no bhon phreas-staidhre. Ach bhiodh an fheadhainn bheaga uile a' tòiseachadh a' sgriachail a-rithist an uairsin. Ach cha chluinneadh na Gearmailtich iad an turas sin oir bha iad air falbh dhachaigh agus na Spitfires às an dèidh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Avril Watt mu dhùdach nan ionnsaigh adhair

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; dùdach ionnsaigh adhair; èideadh; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)

Tha Avril Watt ag innse mar a bha an fhuaim nuair a sheinneadh dùdach nan ionnsaigh adhair an Ceann Loch Lìobhain san Dàrna Cogadh.<br /> <br /> Bha feadhainn de na fireannaich nach deach a-mach ann an èideadh oir dh'fheumadh iad a bhith 'g obair dhan Riaghaltas. Leithid m' athair - bha esan na cheann a' phuist an seo, 's mar sin cha deach e a-mach a shabaid. Dh'fheumadh e a bhith 'sabaid an Ceann Loch Lìobhain. Agus tha mòran dhaoine a' smaoineachadh, a chionn 's gu bheil Ceann Loch Lìobhain na bhaile bheag, nach do bhean an cogadh ris ach 's e a bhean. A chionns, ann an 1939 - 1940 thòisich iad a' togail fasgaidhean an aghaidh ionnsaighean adhair agus tha fear dhiubh dìreach taobh a-muigh geata na sgoile agaibh. Agus nuair a thog iad an starran ùr, dh'iarr mi orra gun a bhith a' beantainn dha, agus chì thu na breigeachan gu lèir fhathast. Ma thionndaidheas tu dhan taobh dheas air an starran sin, a' phìos mhòr rèidh sin, ùrlar de bhreigeachan - tha mi cinnteach gum faca sibh e - 's e fasgadh ionnsaigh adhair a bha sin. Nise, 's ann a bha m' athair an ceann na dùdaich. A chionn 's gur e British Aluminium a bh' ann an uairsin - bha factaraidh an aluminium a' dèanamh ungannan, blocaichean fada de dh'aluminium a bha a' dol dhan Eaglais Bhreac, far am biodh iad a' roileadh a-mach an aluminium agus a' dèanamh nan Spitfires leis, fear de na plèanaichean a b' ainmeile a bh' ann aig àm a' chogaidh. Uill gu follaiseach smaoinich na Gearmailtich, "Chan eil sinne ag iarraidh seo. Tha sinn airson an fhactaraidh an Ceann Loch Lìobhain fhaighinn agus tha sinn airson an fhactaraidh sa Ghearastan a bhualadh." Mar sin bha m' athair an ceann na h-Èiginn. Mar sin ma bha na plèanaichean - agus bha aon bhata-aigeal ann - a' dol suas abhainn Chluaidh seachad Ghlaschu, dh'fheumadh e fios a chur ri British Aluminium gus an dùdach a sheirm. Nise bha an dùdach air mullach talla a' bhaile ri taobh Oifis a' Phuist. Nuair a sheinneadh an dùdach, mur a faigheadh tu gu fasgadh - air neo bha preasan aig tòrr de dhaoine fo 'n staidhre agus bha coltas gu math sàbhailte orra sin - ach 's e bh' ann, cho luath 's a sheinneadh an dùdach bha a h-uile leanaibh sa bhaile a' tòiseachadh a' sgiamhail. Chluinneadh na Gearmailtich iad ann am plèana. [Gàireachdainn] Bhiodh iad a' gal 's ag èigheachd 's a' sgriachail. Dh'fhaodadh e bhith uair a thìde no dà uair a thìde mus tigeadh an dùdach-saoraidh, an all-clear. Bhiodh iad a' seirm dùdaich le fuaim eile gus innseadh gu robh thu sàbhailte, gu faodadh tu tighinn a-mach bho d' àite fàsgaidh no bhon phreas-staidhre. Ach bhiodh an fheadhainn bheaga uile a' tòiseachadh a' sgriachail a-rithist an uairsin. Ach cha chluinneadh na Gearmailtich iad an turas sin oir bha iad air falbh dhachaigh agus na Spitfires às an dèidh. <br /> <br /> Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.