Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe agus Laimrig Phuirt Luinge, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0713
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32635
KEYWORDS
bailtean
seallaidhean-tìre
laimrigean
bàtaichean
soithichean
Port Luinge, Pier and Jetty, Kyle of Lochalsh

Chan eileas tric a' toirt Port Luinge air an earrann den chladach eadar an laimrig agus cidhe an rèile ann an Caol Loch Aillse, mar a tha tiotal a' chairt-puist seo a' moladh.

Tha an cidhe agus an sealladh a-null gu Caisteal Mhaoil faisg air Caol Àcain san Eilean Sgitheanach na shealladh air a bheil luchd-turais eòlach nuair a ruigeas iad air trèana aig cidhe an stèisein, no ma stadas iad sa Chaol air an slighe a-null dhan Eilean Sgitheanach.

Bha aiseag a' dol tarsainn eadae Caol Loch Aillse agus Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach bho co-chiù an 17mh linn. Tha mapa Uilleam Roy, a chaidh a dhèanamh ann am meadhan na 18mh linn airson Sgrùdadh Armailteach Alba, a' sealltainn coimhearsnachd beag gun ainm faisg air far a bheil An Caol an-diugh. Tha am fearann mun cuairt gu math creagach agus cha b' urrainn dha a bhith air coimhearsnachd mòr a chumail.

Dh'atharraich sin nair a thàinig an rèile ann an 1897 agus shoirbhich am baile. Dh'atharraich cùisean a-rithist ann an 1995 nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich, ach 's e An Caol fhathast an ionad airson bùthan agus còmhdhail san sgìre, le cur-seachadan tarraingeach leithid turais bàta air an tabhann do luchd-tadhail.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe agus Laimrig Phuirt Luinge, Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1910an

bailtean; seallaidhean-tìre; laimrigean; bàtaichean; soithichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection