Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Carrann bho Eilean Shlumba
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0722
ÀITE
Loch Carrann
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32643
KEYWORDS
cairtean-puist
ràthaidean Pàrlamaideach
Fuadaichean na Gàidhealtachd
bailtean
lochan
Lochcarron from Slumbay Island

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Loch Carrann bho Eilean Shlumba ann an Siorrachd Rois. Ged a chanar eilean ris, tha Slumba ceangailte ri tìr-mòr le cabhsair cumhang.

Tha Slumba air cladach a tuath Loch Carrann air Taobh Siar Rois, ri taobh baile Loch Carrann. Tha Cala Shlumba air a chleachdadh tric mar acarsaid airson bhàtaichean a' seòladh chun nan h-Eileanan Siar.

Thathar ag ràdh gur e Loch Carrann am baile beag as fhaide ann an Alba, a' sìneadh a-mach barrachd air dà mhìle air taobh tuath Loch Carrann, 16 mìle on mhuir.

Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn nam Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal a chuireadh às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air a thrì uiread de dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast.

Tha barrachd air 900 duine ann an Loch Carrann an-diugh, is iad ag obair air turasachd, croitearachd agus tuathanais-èisg

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Carrann bho Eilean Shlumba

ROS: Loch Carrann

1930an

cairtean-puist; ràthaidean Pàrlamaideach; Fuadaichean na Gàidhealtachd; bailtean; lochan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection