- TIOTAL
- Seallaidhean timcheall air Loch Carrann
- EXTERNAL ID
- QZP40_CARD_0723
- ÀITE
- Loch Carrann
- SGÌRE
- Loch Carrann
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Carrann
- LINN
- 1960an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 32644
- KEYWORDS
- cairtean-puist
Fuadaichean na Gàidhealtachd
lochan
ràthaidean
bealaich
bailtean

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn còig seallaidhean timcheall Loch Carrann air Taobh Siar Rois. Anns a' mheadhan tha Bealach na Bà aig A' Chomraich. Tha am pìos rathaid seo eadar Ciseorn is A' Chomraich ainmeil air sgàth is cho cas is a tha e, ag èirigh gu 2,053 troigh (625 meatair). Tha an sealladh on mhullach iongantach, mus tèid thu sìos dhan Chomraich. Cha robh rathad air rubha na Comraich anmoch san 18mh linn - 's e an rathad seo à Ciseorn a' chiad rathad a bh' ann. Chaidh rathad eile a thogail gu Sìldeag ann an 1970, ach tha cliù aig an àite fhathast airson a bhith doirbh faighinn ann.
Tha an dealbh air an làimh chlì air a' mhullach a' sealltainn Loch Dubhthaich, mu 22 mìle bho baile Loch Carrann agus air an làimh dheis chithear aon de na bealaichean cumhang san sgìre.
Tha an dà dhealbh aig a' bhonn a' sealltainn baile Loch Carrann. Aig toiseach an 19mh linn 's e tuineachadh beag ris an cante Jeantown a bha as a' bhaile, air a stèidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin ràinig an rathad eadar An Caol agus an t-Sròim am baile. Dh' fhàs an tuineachadh gu math luath, cha mhòr a thrì uimhir, aig àm nam Fuadaichean, nuair a thàinig Loch Carrann gu bhith na dhachaigh dha iomadh Gàidheal a bha air am fuadach bhon dachaighean. Aig an àm seo thàinig cumadh sreathach air a' bhaile a tha fhathast ri fhaicinn an-diugh