Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean timcheall air Loch Carrann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0724
ÀITE
Loch Carrann
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32645
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
aiseagan
Fuadaichean na Gàidhealtachd
bailtean
Views around Loch Carron

Tha a' chairt-phuist seo a' sealtainn ceithir seallaidhean den sgìre mu thimcheall Loch Carrann an Taobh Siar Rois. Tha Loch Carrann còig mìltean a dh'fhaid is trì chairteil a mhìle a leud, a' ruith on ear-thuath dhan iar-dheas gu caolas Phort an t-Sròim. Bha aiseag uaireigin a' siubhal gu Sròm a Tuath mar phàirt chudromach den t-siostam còmhdhail eadar Caol Loch Aillse agus Ach na Sìne, Inbhir Pheofharain is Inbhir Nis. Nuair a chaidh rathad a thogail ri taobh na rèile air taobh deas na loch ann an 1971 chaidh stad a chur air an t-seirbheis aisig.

Aig ceann Loch Carrann tha baile Loch Carrann (air an taobh chlì aig a' mhullach) agus Gleann Carrann, far a bheil Coille Ach na Seileich. Thathar ag ràdh gur e Loch Carrann am baile beag as fhaide ann an Alba, a' sìneadh a-mach barrachd air dà mhìle air taobh tuath Loch Carrann, 16 mìle on mhuir.

Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn na Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal air an cuir às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air an trì uiread dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast.

's e Bealach na Bà a th' air an rathad eadar Ciseorn is A' Chomraich (air an taobh chlì aig a' bhonn), is tha e ainmeil le cho cas 's a tha an rathad, ag èirigh gu 2053 troigh (625m). Tha an sealladh on mhullach mus tèid an rathad sìos dhan Chomraich mìorbhaileach. Cha robh rathad a' dol dhan Chomraich anmoch san 18mh linn gun deach an rathad seo a thogail à Ciseorn. Chaidh rathad eile a thogail gu Sìldeag ann an 1970, ach tha an sgìre fhathast ainmeil mar àite a tha duilich faighinn ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean timcheall air Loch Carrann

ROS: Loch Carrann

1950an

cairtean-puist; lochan; aiseagan; Fuadaichean na Gàidhealtachd; bailtean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection