Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean timcheall air Loch Carrann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0725
ÀITE
Loch Carrann
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1980an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32646
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
Fuadaichean na Gàidhealtachd
glinn
bailtean
coilltean
Views of Loch Carron

Tha a' chairt-phuist seo a' sealtainn ceithir seallaidhean de Loch Carrann an Taobh Siar Rois. Tha Loch Carrann còig mìle a dh' fhaid is trì chairteil a mhìle a leud, a' ruith on ear-thuath dhan iar-dheas gu caolas Phort an t-Sròim. Aig ceann Loch Carrann tha baile Loch Carrann agus Gleann Carrann, far a bheil Coille Ach na Seileich. Tha beanntan Thoirbheartan agus A' Chomraich faisg air Loch Carrann.

Tha Am Ploc, a tha faisg air làimh, gu h-àrd air an taobh chlì is gu h-ìosal air an taobh dheas. Anns na 1700an b' e croitearachd prìomh ghnìomhachas a' bhaile. Ach, ri linn nam Fuadaichean Gàidhealach, chaidh iomadh neach a chaidh fhuadach air bòrd soithich sa Phloc agus thàinig e gu bhith na bhaile iasgaich soirbheachail.

Tha baile Loch Carrann gu h-àrd air an taobh dheas. Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn nam Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal a chaidh an cur às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air a thrì uiread de dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast. Tha Loch Dubhthaich, mu 22 mhìle o Loch Carran, gu h-ìosal air an taobh chlì

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean timcheall air Loch Carrann

ROS: Loch Carrann

1980an

cairtean-puist; lochan; Fuadaichean na Gàidhealtachd; glinn; bailtean; coilltean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealtainn ceithir seallaidhean de Loch Carrann an Taobh Siar Rois. Tha Loch Carrann còig mìle a dh' fhaid is trì chairteil a mhìle a leud, a' ruith on ear-thuath dhan iar-dheas gu caolas Phort an t-Sròim. Aig ceann Loch Carrann tha baile Loch Carrann agus Gleann Carrann, far a bheil Coille Ach na Seileich. Tha beanntan Thoirbheartan agus A' Chomraich faisg air Loch Carrann.<br /> <br /> Tha Am Ploc, a tha faisg air làimh, gu h-àrd air an taobh chlì is gu h-ìosal air an taobh dheas. Anns na 1700an b' e croitearachd prìomh ghnìomhachas a' bhaile. Ach, ri linn nam Fuadaichean Gàidhealach, chaidh iomadh neach a chaidh fhuadach air bòrd soithich sa Phloc agus thàinig e gu bhith na bhaile iasgaich soirbheachail.<br /> <br /> Tha baile Loch Carrann gu h-àrd air an taobh dheas. Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn nam Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal a chaidh an cur às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air a thrì uiread de dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast. Tha Loch Dubhthaich, mu 22 mhìle o Loch Carran, gu h-ìosal air an taobh chlì