Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann an Iar de bhaile Loch Carrann
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0727
ÀITE
Loch Carrann
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1950an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32647
KEYWORDS
cairtean-puist
ràthaidean Pàrlamaideach
Fuadaichean na Gàidhealtachd
bailtean
West end of Lochcarron village

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn sealladh de bhaile Loch Carrann ann an Taobh Siar Rois. Tha Loch Carrann air an taobh dheas. Thathar ag ràdh gur e Loch Carrann am baile beag as fhaide ann an Alba, a' sìneadh a-mach barrachd air dà mhìle air taobh tuath Loch Carrann, 16 mìle on mhuir.

Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn na Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal air an cuir às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air an trì uiread dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast.

Tha barrachd air 900 duine ann an Loch Carran an-diugh, is iad ag obair air turasachd, croitearachd agus tuathanais-èisg

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann an Iar de bhaile Loch Carrann

ROS: Loch Carrann

1950an

cairtean-puist; ràthaidean Pàrlamaideach; Fuadaichean na Gàidhealtachd; bailtean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn sealladh de bhaile Loch Carrann ann an Taobh Siar Rois. Tha Loch Carrann air an taobh dheas. Thathar ag ràdh gur e Loch Carrann am baile beag as fhaide ann an Alba, a' sìneadh a-mach barrachd air dà mhìle air taobh tuath Loch Carrann, 16 mìle on mhuir.<br /> <br /> Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn na Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal air an cuir às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air an trì uiread dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast.<br /> <br /> Tha barrachd air 900 duine ann an Loch Carran an-diugh, is iad ag obair air turasachd, croitearachd agus tuathanais-èisg