Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Loch Carrann a' coimhead chun an Iar
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0731
ÀITE
Loch Carrann
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32651
KEYWORDS
cairtean-puist
Fuadaichean na Gàidhealtachd
bailtean
lochan
Lochcarron village looking west

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn sealladh de bhaile Loch Carrann ann an Taobh Siar Rois, a' coimhead dhan iar. Tha Loch Carrann air an làimh chlì. Tha an soighne ri taobh na loch airson Taigh-òsta Rock Villa, a tha fhathast a' dol. Thathar ag ràdh gur e Loch Carrann am baile beag as fhaide ann an Alba, a' sìneadh a-mach barrachd air dà mhìle air taobh tuath Loch Carrann, 16 mìle on mhuir.

Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn na Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal a chaidh an cur às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air a thrì uiread de dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast.

Tha barrachd air 900 duine ann an Loch Carran an-diugh, is iad ag obair air turasachd, croitearachd agus tuathanais-èisg

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Loch Carrann a' coimhead chun an Iar

ROS: Loch Carrann

1950an

cairtean-puist; Fuadaichean na Gàidhealtachd; bailtean; lochan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn sealladh de bhaile Loch Carrann ann an Taobh Siar Rois, a' coimhead dhan iar. Tha Loch Carrann air an làimh chlì. Tha an soighne ri taobh na loch airson Taigh-òsta Rock Villa, a tha fhathast a' dol. Thathar ag ràdh gur e Loch Carrann am baile beag as fhaide ann an Alba, a' sìneadh a-mach barrachd air dà mhìle air taobh tuath Loch Carrann, 16 mìle on mhuir.<br /> <br /> Aig toiseach an 19mh linn, b' e tuineachadh beag air an robh Baile Shìne a bh' anns a' bhaile, air a shuidheachadh le MacCoinnich na Comraich. Goirid an dèidh sin, thàinig an rathad eadar An Caol is Port an t-Sròim dhan bhaile. Dh' fhàs an tuineachadh gu cabhagach ri linn na Fuadaichean, nuair a thàinig iomadh Gàidheal a chaidh an cur às an dachaigh a Loch Carrann. Bha faisg air a thrì uiread de dhaoine ann ri linn seo. Aig an àm seo, ghabh am baile am pàtran sreathach a chithear an-diugh fhathast. <br /> <br /> Tha barrachd air 900 duine ann an Loch Carran an-diugh, is iad ag obair air turasachd, croitearachd agus tuathanais-èisg