Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Crò, Clachan Dubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0732
ÀITE
Inbhir Ionaid
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
c1906
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32652
KEYWORDS
eaglaisean
cladhan
àiteachan adhlacaidh
cladhan
Croe Church, Clachan Duich

Thathas nas trice a' toirt Clachan Dhubhthaich air tobhta na h-eaglais anns a' chairt-puist tràth seo le Valentine leis an tiotal "Croe Church, Loch Duich". 'S e seann eaglais agus cladh Clann 'IcRath Chinn Tàile a th' ann.

Suidhichte faisg air ceann Loch Dubhthaich, tha Clachan Dhubhthaich air a bhith ann bho co-dhiù 1050 agus tha a h-uile coltas gu robhas ga chleachdadh gu math na bu tràithe na sin. Tha e air a choisrigeadh gu an Naomh Dubhthach, Easbaig Rois na h-11mh linn. Tha tobhtaichean na seann eaglais air an cuairteachadh le uaighean, cuid dhiubh air an comharrachadh agus cuid dhiubh gun chomharra. 'S cinnteach gur e muinntir MhicRath a tha tìodhlaichte ann am mòran dhiubh bhon tha an t-ainm fhathast gu math cumanta san sgìre.

A' coimhead thar na h-eaglais agus an cladh tha carragh-cuimhne a' Chiad Chogaidh do Chlann 'IcRath, carragh a chaidh fhoillseachadh air 15mh den Iuchar 1922.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Crò, Clachan Dubhthaich

ROS: Loch Aillse

1910an

eaglaisean; cladhan; àiteachan adhlacaidh; cladhan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Thathas nas trice a' toirt Clachan Dhubhthaich air tobhta na h-eaglais anns a' chairt-puist tràth seo le Valentine leis an tiotal "Croe Church, Loch Duich". 'S e seann eaglais agus cladh Clann 'IcRath Chinn Tàile a th' ann. <br /> <br /> Suidhichte faisg air ceann Loch Dubhthaich, tha Clachan Dhubhthaich air a bhith ann bho co-dhiù 1050 agus tha a h-uile coltas gu robhas ga chleachdadh gu math na bu tràithe na sin. Tha e air a choisrigeadh gu an Naomh Dubhthach, Easbaig Rois na h-11mh linn. Tha tobhtaichean na seann eaglais air an cuairteachadh le uaighean, cuid dhiubh air an comharrachadh agus cuid dhiubh gun chomharra. 'S cinnteach gur e muinntir MhicRath a tha tìodhlaichte ann am mòran dhiubh bhon tha an t-ainm fhathast gu math cumanta san sgìre. <br /> <br /> A' coimhead thar na h-eaglais agus an cladh tha carragh-cuimhne a' Chiad Chogaidh do Chlann 'IcRath, carragh a chaidh fhoillseachadh air 15mh den Iuchar 1922.