Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Donnchadh is Elsie Cormack mu fhasgaidhean Anderson
EXTERNAL ID
WD_HF08_TRACK11_CORMACK
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Duncan & Elsie Cormack
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3266
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
fasgadh ionnsaigh adhair
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha Donnchadh is Elsie Cormack a' bruidhinn air na fasgaidhean Anderson ann an Inbhir Ùige san Dàrna Cogadh.

Mgr C: Bha taigh-fasgaidh againn. Bha sinne a' fuireach ann an taigh poileis - mar a thuirt mi ruibh, bha m' athair na phoileas - 's mar sin bha gàrradh againn. Agus chladhaich iad sa h-uile gàrradh agus chuir iad a-steach am fasgadh Anderson seo, air ainmeachadh air fear a bha san riaghaltas aig an àm, Mgr Anderson, agus 's e a dhealbhaich na fasgaidhean a bha seo agus fhuair iad an t-ainm aige, mar sin 's e fasgaidhean Anderson a bh' orra. Agus chladhaich iad toll agus rinn iad bonn-stèidh agus chuir iad a-staigh e agus talamh air a mhuin gus nach gabhadh e fhaicinn cho furasta, eil fhios agaibh, agus nuair dheidheadh an dùdach, na b'fhaide air adhart, às dèidh 1942 no mar sin - bhiodh sinn uile a' coiseachd a-mach agus a-steach dhan fhasgadh leinn, 's dòcha aig dà uair sa mhadainn agus aodach-oidhche ort -

A' Bh-ph C: Ach bha e gu math na bu mhiosa don fheadhainn a -

Mgr C: - agus seann chòta oirnn. Agus shuidh sinn ann an sreath. Bha mo thriùir bhràithrean ann agus -

A' Bh-ph C: - dà phiuthair

Mgr C: - dà phiuthair. Agus shuidheadh sinn mar seo, eil fhios agaibh, dà uair sa mhadainn ann am fasgadh fuar, trì troighean -

A' Bh-ph C: 'Tha mi 'g iarraidh a dhol dha mo leabaidh!'

Mgr C: - fon talamh. 'Tha mi 'g iarraidh dhan taigh bheag!' [Gàireachdainn]

A' Bh-ph C: Cha robh 'en suite' againn an uairsin. [Gàireachdainn]

Mgr C: Cha robh. Ach bha e èibhinn. Nochd sinn sa mhadainn agus dh'fhalbh sinn dhan sgoil agus thuirt a h-uile duine, 'A robh thusa nad fhasgadh a-raoir?' agus bhiodh sinn a' dèanamh co-meas eadarainn gu dè thachair is dè rinn sinn agus 's e spòrs a bh' ann. 'S e sin a chum a' dol sinn. Dh'fheumadh tu an spiorad a chumail suas.

A' Bh-ph C: Bha e mar sin a chionns nach do thachair cail dona ach, tha fhios, far an robh daoine annta, sna bailtean mòra, agus bha iad ga fhaighinn dona -

Mgr C: O seadh.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Pheighinn, Inbhir Theòrsa.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Donnchadh is Elsie Cormack mu fhasgaidhean Anderson

GALLAIBH: Inbhir Ùige

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; fasgadh ionnsaigh adhair; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)