Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Loch Duich and The Five Sisters from Letterfearn

Anns a' chairt seo chithear Loch Dubhthaich agus na beanntan ris an canar "Còig Peathraichean Chinn Tàile" à Feàrn na Leitir. 'S e loch-mhara a tha a' sruthadh dhan ear dheas bho bhaile An Dòrnaidh gu Caol Loch Aillse agus a-mach dhan chuan a tha ann an Loch Dubhthaich. Tha an loch ainmeil airson gu bheil caisteal Eilean Donnain aig beul an locha.

Tha na Còig Peathraichean ag èirigh os cionn Gleann Seile aig ceann Loch Dubhthaich. 'S e Sgùrr Moraich (876m), Sgùrr nan Saighread (929m), Sgùrr Fhuaran (1068m), Sgùrr na Carnach (1002m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m) na h-ainmean aca.

Tha e air aithris gun deach dithis phrionnsan Èireannach air tìr an seo ann an droch stoirm agus gun do thuit iad ann an trom ghaol le dithis de sheachd nigheanan Rìgh Chinn Tàile. Gheall an dithis bhràithrean gun cuireadh iad an Còignear bhràithrean fhèin
a dh'Èirinn airson an Còignear pheathraichean a phòsadh. Thill iad fhèin agus an dithis pheathraichean eile a dh'Èirinn. Bha na Còig peathraichean a' feitheamh agus a' feitheamh gus an do dh'iarr iad mu dheireadh thall air Buidseach Liath Coire Dunaid a bhith cinnteach gum biodh iad a' cumail sùil gu sìorraidh. An sin rinn e beanntan dhIùbh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Dubhthaich agus Còig Peathraichean Chinn Tàile à Feàrn na Leitir

ROS: Loch Aillse

1950an

cairtean; Còig Peathraichean; beul-aithris Buidseach Liath Coire Dunaid; Gleann Seile, Sgùrr nan Saighread; Sgùrr Phuran; Sgùrr na Carnach; Sgùrr na Ciste Duibhe; lochan; Loch Dubhthaich; beanntan; Caisteal Eilean Donnain; caistealan; Loch Aillse

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection