Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Clachan Gàidhealach aig Loch Dubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0755
ÀITE
Loch Dubhthaich
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Gleann Seile
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32674
KEYWORDS
cairtean-puist
clachain
baile
bailtean
lochan
tughadh
Highland Clachan at Loch Duich

Anns a' chairt-phuist seo chithear dealbh de Chlachan Gàidhealach, faisg air Loch Dubhthaich ann an Taobh Siar Rois, tràth anns an fhicheadamh linn. Tha clachan a' ciallachadh baile beag.

Air an làimh dheis chithear eisimpleir de thaigh-tughaidh. Bha tughadh saor agus aotrom agus, mar sin, cha robh e a' cur cuideam air na ballachan. Bha sgrathan fraoich tar-lùbte agus, an uair sin, air an càradh air uachdar frèam an taighe agus an uair sin air a chòmhdach le tughadh. Bha an tughadh air a cheangal gu dìonach le seann lìon iasgaich no sreang air a ceangal ri clachan airson an tughadh a chumail sìos. Anns a' mhòr-chuid de dh'àitichean bhiodh mullach nan taighean air an tughadh gach bliadhna. Bhiodh an seann tughadh air a chleachdadh mar stuth-mathachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Clachan Gàidhealach aig Loch Dubhthaich

ROS: Gleann Seile

cairtean-puist; clachain; baile; bailtean; lochan; tughadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries - Illustrated postcards

Anns a' chairt-phuist seo chithear dealbh de Chlachan Gàidhealach, faisg air Loch Dubhthaich ann an Taobh Siar Rois, tràth anns an fhicheadamh linn. Tha clachan a' ciallachadh baile beag.<br /> <br /> Air an làimh dheis chithear eisimpleir de thaigh-tughaidh. Bha tughadh saor agus aotrom agus, mar sin, cha robh e a' cur cuideam air na ballachan. Bha sgrathan fraoich tar-lùbte agus, an uair sin, air an càradh air uachdar frèam an taighe agus an uair sin air a chòmhdach le tughadh. Bha an tughadh air a cheangal gu dìonach le seann lìon iasgaich no sreang air a ceangal ri clachan airson an tughadh a chumail sìos. Anns a' mhòr-chuid de dh'àitichean bhiodh mullach nan taighean air an tughadh gach bliadhna. Bhiodh an seann tughadh air a chleachdadh mar stuth-mathachaidh.