Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le Mairead Bochel mu thlachdan beaga àm a' chogaidh
EXTERNAL ID
WD_HF09_TRACK01_BOCHEL
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Margaret Bochel
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3268
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cabhlach marsanta
claistinneach

Get Adobe Flash player

Bha co-ogha aig Mairead Bochel a bhiodh a' toirt ghibhtean a-null às Ameireaga rè 'n Dàrna Cogaidh.

Seadh, tha cuimhn' agam a-nis, a' bruidhinn air sin, gu robh co-ogha agam a thàinig a-null à New Zealand. Bha esan agus a theaghlach air Inbhir Narainn fhàgail ron a' chogadh agus bha e sa Chabhlach Mharsanta agus chleachd e a bhith a' siubhal fad is farsaing. Bha e ann an long-bhàthadh aon uair agus thàinig e suas a dh'Inbhir Narainn airson saor-laithean às dèidh siud oir 's e rud gu math cudromach a dh'èirich dha.

Ach uair no dhà, an dèidh dha a bhith ann an Aimeireaga, thug e leis gibhtean dhachaigh dhuinn agus bha sinn air bhioran leotha. Tha cuimhn' agam a' dol dhan doras agus a' lorg pharsailean an siud dhan a h-uile duine a-staigh. 'S e fear de na rudan a fhuair mi fhìn, nuair a bha mi beagan na b' aosta, na stocainnean naidhlean. Cha b'e naidhlean a bh' ann ach sìoda, rud nach gabhadh a cheannach idir ann an Inbhir Narainn, neo ann an àite sam bith air an dùthaich seo aig an àm,'s dòcha. Mar sin thug e sin dhachaigh leis. Gu mì-fhortanach cha do sheas iad glè fhada oir dh'fheumamaid basgaidean a ghiùlan leinn aig an àm, chan e bagannan, agus mar a tha fios agaibh tha basgaidean air an dèanamh à cuilc seilich agus rudan agus bha oirean biorach orra a reub na stocainnean sìoda, agus chuir sin crìoch riutha. Tha fhios nach gabhadh an càradh idir.

Agus turas eile thug e leis cruinnean pùdair-gnùise. 'S e a ' chiad fhear a bh' agam - bhithinn mu shia-deug no seachd-deug aig an àm, agus 's mi bha air mo dhòigh ghlan leis. Agus bha sinn toilichte nuair a thigeadh e còmhla ruinn ann an Inbhir Narainn bho nach robh annam ach pàisde nuair a dh'fhalbh iad gu New Zealand, agus cha robh cuimhn' agam air duine aca. Ach bheireadh e oirnn gàireachdainn, an co-ogha seo à New Zealand, gàireachdainn fad na h-ùine. Mar sin bha sin a' toirt togail-inntinn dhuinn.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Rosebank, Inbhir Narann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le Mairead Bochel mu thlachdan beaga àm a' chogaidh

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cabhlach marsanta; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)