Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Loch Duich and the Five Sisters of Kintail

Anns a' chairt-phuist seo chithear Loch Dubhthaich agus na beanntan ris an canar "Còig Peathraichean Chinn Tàile" à Feàrn na Leitir. 'S e loch-mhara a tha a' sruthadh dhan ear dheas bho bhaile An Dòrnaidh gu Caol Loch Aillse agus a-mach dhan chuan a tha ann an Loch Dubhthaich. Tha an loch ainmeil air sailibh gu bheil Caisteal Eilean Donnaih aig beul an locha.

Tha na Còig Peathraichean ag èirigh os cionn Gleann Seile aig ceann Loch Dubhthaich. 'S e Sgùrr Moraich (876m), Sgùrr nan Saighread (929m), Sgùrr Phuaran (1068m), Sgùrr na Carnach (1002m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m) na h-ainmean aca.

Tha e air aithris gun deach dithis phrionnsan Èireannach air tìr an seo ann an droch stoirm agus gun do thuit iad ann an trom ghaol le dithis de sheachd nigheanan Rìgh Chinn Tàile. Gheall an dithis bhràithrean gun cuireadh iad an Còignear bhràithrean fhèin
a dh'Èirinn airson an Còignear pheathraichean a phòsadh. Thill iad fhèin agus an dithis pheathraichean eile a dh'Èirinn. Bha na Còig peathraichean a' feitheamh agus a' feitheamh gus an do dh'iarr iad mu dheireadh thall air Buidseach Liath Coire Dunaid a bhith cinnteach gum biodh iad a' cumail sùil gu sìorraidh. An sin rinn e beanntan dhIùbh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Dubhthaich agus Còig Pheathraichean Chinn Tàile

ROS: Loch Aillse

1970an; 1980an

cairtean; Còig Peathraichean; beul-aithris; Buidseach Liath Coire Dunaid; Gleann Seile; Sgùrr nan Saighread; Sgùrr Phuran; Sgùrr na Carnach; Sgùrr na Ciste Duibhe; lochan; Loch Dubhthaich; Caisteal Eilean Donnain; caistealan; lochan; Loch Aillse

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection