Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Na Còig Peathraichean aig Loch Dubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0766
ÀITE
Loch Dubhthaich; Còig Pheathraichean
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32685
KEYWORDS
cairtean
Còig Peathraichean
beul-aithris
Buidseach Liath Coire Dunaid
Gleann Seile
Sgùrr nan Saighread
Sgùrr Phuran
Sgùrr na Carnach
Sgùrr na Ciste Duibhe
munros
beanntan
The Five Sisters at Loch Duich

Anns a' chairt-phuist seo chithear na beanntan ris an canar "Na Còig Peathraichean" aig Loch Dubhthaich ann an Taobh Siar Rois.

Tha e air aithris gun deach dithis phrionnsan Èireannach air tìr an seo ann an droch stoirm agus gun do thuit iad ann an trom ghaol le dithis de sheachd nigheanan Rìgh Chinn Tàile. Gheall an dithis bhràithrean gun cuireadh iad an Còignear bhràithrean fhèin
a dh'Èirinn airson an Còignear pheathraichean a phòsadh. Thill iad fhèin agus an dithis pheathraichean eile a dh'Èirinn. Bha na Còig peathraichean a' feitheamh agus a' feitheamh gus an do dh'iarr iad mu dheireadh thall air Buidseach Liath Coire Dunaid a bhith cinnteach gum biodh iad a' cumail sùil gu sìorraidh. An sin rinn e beanntan dhIùbh.

Tha na Còig Peathraichean ag eirigh os cionn Gleann Seile aig ceann Loch Dubhthaich. 'S e Sgùrr Moraich (876m), Sgùrr nan Saighread (929m), Sgùrr Phuaran (1068m), Sgùrr na Carnach (1002m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m) na h-ainmean aca

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Na Còig Peathraichean aig Loch Dubhthaich

ROS: Loch Aillse

1940an

cairtean; Còig Peathraichean; beul-aithris; Buidseach Liath Coire Dunaid; Gleann Seile; Sgùrr nan Saighread; Sgùrr Phuran; Sgùrr na Carnach; Sgùrr na Ciste Duibhe; munros; beanntan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection