Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh le diofar dhaoine an Ceann Loch Lìobhain mu 'Whisky Galore'
EXTERNAL ID
WD_HF09_TRACK02_WHISKYGALORE
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
various
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh
AITHNEACHADH MAOINE
3269
KEYWORDS
An Dara Cogadh
An Dàrna Cogadh
cùmhnadh
cuibhreannan
rationing
long-bhàthadh
Whisky Galore
tombac
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha diofar dhaoine an Ceann Loch Lìobhain a' cuimhneachadh air 'Whisky Galore'.

Donnchadh MacAonghais: Ach tha cuimhn' agam gu robh 1941 gu math trom air na daoine, mar gum biodh.

Iris Barclay: 'S e bha.

Donnchadh MacAonghais: 'S e an tombac a bu mhios air na h-eileanan. Na bodaich, bu toil leothasan an tombaca, eil fhios agaibh, a' smocadh. Agus nuair nach robh tombac aca, mo chreach, bha e sgrathail, dìreach. Mar sin an 1941, Whisky galore, thàinig am Politician, soitheach mòr Harrison a thàinig air na creagan agus 's e gibht bho Dhia a bh' ann. Fhuair iad a h-uile pic St. Bruno, fhuair iad a h-uile seòrsa air bòrd an siud: saogaireatan, uisge beatha -

Fay Anderson: Tha botal agam fhathast an siud san taigh.

Donnchadh MacAonghais: - agus a h-uile seòrsa biadh a bha fo chuibhreann, siùcar, tea, na dh'iarradh iad.

Iris Barclay: An do smoc thusa na saogaireatan dhen ainm Pashas a thàinig às an Èipheit?

Donnchadh MacAonghais: Gabh mo leisgeul?

Iris Barclay: Bha saogaireatan ann dhen ainm Pashas.

[Grùnn dhaoine] Pashas. Tha sin ceart.

Donnchadh MacAonghais: O seadh, seadh, ach 's ann às an Turc a bha iad. Bha iad -

Iris Barclay: An robh iad Turcach? Dùil agamsa gu robh iad Èipheiteach.

Donnchadh MacAonghais: O, bha iad grot.

Iris Barclay: Cha do smoc mis' iad aig an aois òg a bha mi, ach smoc m' athair.

Donnchadh MacAonghais: Seadh, ach tha cuimhn' agam Didòmhnaich, a h-uile bodach aig an eaglais, eil fhios agad, nuair a thàinig iad a-mach agus na pìoban aca. O dh'fhaodadh tu fàileadh an St Bruno fhaireachdainn sa h-uile h-àite. Tha an seanchas a' leantainn fhathast. Agus an deoch. [Gàireachdainn] Agus an t-uisge beatha a' dol 's a' dol, agus tha e fhathast a' dol. Tha an seanchas fhathast a' leantainn.

Chaidh an t-agallamh seo a chlàradh mar phàirt de phròiseact 'Maoir rannsachaidh a' Chogaidh' ann an 2005 ann am Bun-sgoil Cheann Loch Lìobhann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh le diofar dhaoine an Ceann Loch Lìobhain mu 'Whisky Galore'

2000an

An Dara Cogadh; An Dàrna Cogadh; cùmhnadh; cuibhreannan; rationing; long-bhàthadh; Whisky Galore; tombac; claistinneach

Am Baile agus Luchd-rannsachaidh a' Chogaidh

War Detectives (interviews)