Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag An Dòrnaidh, Cinn Tàile
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0771
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32690
KEYWORDS
cairtean-puist
aiseagan
Aiseag na h-Àird
drochaidean chìsean
drochaidean
lochan
Dornie Ferry, Kintail

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn treud chaorach faisg air Aiseag an Dòrnaidh aig Cinn Tàile, Siorrachd Rois. Tha baile beag An Dòrnaidh suidhichte aig bonn Loch Long is Loch Dhubhthaich, is chaidh a chleachdadh mar stèisean iasgaich is malairt le Comann Iasgaich Bhreatainn ann an 1794. Bha e ceangailte ri Loch Aillse le aiseag a bha a' dol gu Àird Eilbh.

Bha Aiseag an Dòrnaidh, no Aiseag na h-Àirde, a' dol o Àird Eilbh chun Dòrnaidh agus thar Loch Dubhthaich chun Tobhtaig, gu toiseach an 20mh linn. Anns a' bhliadhna mu dheireadh a bha an aiseag a' ruith, bha i a' seòladh o 8 sa mhadainn gu 8 feasgar gach là, Là na Sàbaid is saor-làithean a' bhanca cuideachd.

Ghabh drochaid thar Loch Long, on Dòrnaidh gu Àird Eilbh, thairis on bhàt'-aiseig nuair a chaidh fhosgladh mar dhrochaid-chìsean air 30 An Giblean 1940. Chaidh cur às dhe na cìsean ann an 1946 is chaidh drochaid ùr a thogail ann an 1990

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag An Dòrnaidh, Cinn Tàile

ROS: Loch Aillse

1900an; 1910an

cairtean-puist; aiseagan; Aiseag na h-Àird; drochaidean chìsean; drochaidean; lochan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn treud chaorach faisg air Aiseag an Dòrnaidh aig Cinn Tàile, Siorrachd Rois. Tha baile beag An Dòrnaidh suidhichte aig bonn Loch Long is Loch Dhubhthaich, is chaidh a chleachdadh mar stèisean iasgaich is malairt le Comann Iasgaich Bhreatainn ann an 1794. Bha e ceangailte ri Loch Aillse le aiseag a bha a' dol gu Àird Eilbh.<br /> <br /> Bha Aiseag an Dòrnaidh, no Aiseag na h-Àirde, a' dol o Àird Eilbh chun Dòrnaidh agus thar Loch Dubhthaich chun Tobhtaig, gu toiseach an 20mh linn. Anns a' bhliadhna mu dheireadh a bha an aiseag a' ruith, bha i a' seòladh o 8 sa mhadainn gu 8 feasgar gach là, Là na Sàbaid is saor-làithean a' bhanca cuideachd.<br /> <br /> Ghabh drochaid thar Loch Long, on Dòrnaidh gu Àird Eilbh, thairis on bhàt'-aiseig nuair a chaidh fhosgladh mar dhrochaid-chìsean air 30 An Giblean 1940. Chaidh cur às dhe na cìsean ann an 1946 is chaidh drochaid ùr a thogail ann an 1990