Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donan aig Loch Dubhthaich agus na Còig Pheathraichean
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0780
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32699
KEYWORDS
cairtean-puist
Na Còig Peathraichean
uirsgeul
beul-aithris
Gleann Seile
lochan
Loch Dubhthaich
Caisteal Eilean Donan
Caistealan
Clann MhicCoinnich
na Seumasaich
tobhtaichean
Eilean Donan Castle at Loch Duich and the Five Sisters

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Caisteal Eilean Donan aig Loch Dubhthaich agus na beanntan ris an canar Na Còig Peathraichean.

Dh'fhaodadh gun robh daoine a' fuireach air Eilean Donan bho chionn cho fad air ais ris an treas linn ach chaidh an caisteal a thogail a thogail bho thùs anns an 13mh linn. B' ann le Clann MhicChoinnich à Ceann Tàile a bha e airson co-dhiù 400 bliadhna ach chaidh a sgrios le feachdan nèibhi an riaghaltais ann an 1719 nuair a bha saighdearan Spàinnteach agus Seumasaich a' còmhnaidh ann. Chaidh an caisteal a th' ann an diugh ath-thogail bho na tobhtaichean le Lt Coirneal MacRath-Gilstrap agus bha e deiseil ann an 1932, agus 's e le cinnt fear de na caistealan as ainmeile airson a dhealbh a bhith air a thogail ann an Alba.

Tha na Còig Pheathraichean ag èirigh os cionn Ghleann Seile aig ceann Loch Dubhthaich. 'S iad Sgurr Moraich (876m), Sgurr nan Saighead (929m), Sgurr Fhuaran (1068m), Sgurr na Carnach (1002m) agus Sgurr na Ciste Duibhe (1027m).

Tha uirsgeul ag innse gun do thuit dà Phrionnsa Èireannach, a thàinig air tìr ann an stoirm, ann an gaol le dithis de na seachdnar nigheanan aig Rìgh Chinn Tàile. An dèidh dhaibh gealladh gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-null airson na nigheanan a bha air fhàgail, phòs na prionnsaichean an dithis bhana-phrionnsa a b' òige agus thill iad a dh'Èirinn. Dh'fhuirich an còignear nigheanan , agus mu dheireadh dh'fhaighnich iad de Dhraoidh Liath Choire Dhunnaid faire a chumail seachad air am beatha fhèin, 's mar sin dh' atharraich e iad gu bhith nam beanntan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donan aig Loch Dubhthaich agus na Còig Pheathraichean

ROS: Loch Aillse

1930an; 1940an

cairtean-puist; Na Còig Peathraichean; uirsgeul; beul-aithris; Gleann Seile; lochan; Loch Dubhthaich; Caisteal Eilean Donan; Caistealan; Clann MhicCoinnich; na Seumasaich; tobhtaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection