Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag An Dòrnaidh aig Loch Dubhthaich
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0782
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32701
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
Loch Dubhtaich
Caisteal Eilean Donnain
Caistealan
Clann Mhich Coinnich
Na Seumasaich
tobhtaichean
Lt. Coirneal MacRath-Gilstrap
caisteal
bàtaichean aiseig
bàta aiseig
Dornie Ferry at Loch Duich

Anns a' chairt-phuist seo chithear Aiseag An Dòrnaidh aig Loch Dubhthaich ann an Taobh Siar Rois.

Bha An Dòrnaidh agus Loch Aillse air an ceangal le aiseag a bha a' dol tarsaing gu Aird Eilbh. Bha aiseag An Dòrnaidh no an Aird a' ruith bho Aird Eilbh chun An Dòrnaidh agus cuideachd tarsaing Loch Dubhthaich chun An Tobhtaig, suas gu co-dhiù toiseach an 20mh linn. Anns a' bhliadhna mu dheireadh a bha i a' ruith bha am bàta a' sIùbhal bho 8 uairean sa mhadainn gu 8 uairean feasgar gach latha.

Chaidh drochaid a thogail tarsainn Loch Long bhon An Dòrnaidh gu Aird Eilbh an àite na h-aiseig, agus chaidh a fosgladh mar dhrochaid cìse air an 30mh latha den Giblean 1940. Chaidh cur às do na cìsean ann an 1946 agus chaidh drochaid nas ùire a thogail ann an 1990.

Anns an dealbh seo chithear Caisteal Eilean Donnain ann an Loch Dubhthaich ann an Taobh Siar Rois. ' S docha gun robh daoine a' fuireach air Eilean Donain cho fada air ais ris an treas linn ach 's anns an treas linn deug a chaidh a' chiad caisteal a thogail. Bha an caisteal aig Clann MhicChoinnich Cheann Tàile airson 400 bliadhna ach leag nèibhi an riaghltais e ann an 1719 nuair a bha arm nan Seumasach agus na Spàinne na bhroinn. Thog Lt Colonel MacRath-Gilstrap an caisteal a-rithist agus chaidh a chrìochnachadh ann an 1932, agus gu cinnteach 's e seo fear de na caistealan as brèagha ann an Alba. Bidh an t-uabhas dhaoine a' togail dhealbhan dheth

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag An Dòrnaidh aig Loch Dubhthaich

ROS: Loch Aillse

cairtean-puist; lochan; Loch Dubhtaich; Caisteal Eilean Donnain; Caistealan; Clann Mhich Coinnich; Na Seumasaich; tobhtaichean; Lt. Coirneal MacRath-Gilstrap; caisteal; bàtaichean aiseig; bàta aiseig

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection