Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donain agus Aiseag An Dòrnaidh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0785
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32703
KEYWORDS
cairtean-puist
lochan
Seumasaich
caistealan
aiseagan
Aiseag na h-Àird
Aiseag An Dòrnaidh
Eilean Donan Castle and Dornie Ferry

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Caisteal Eilean Donain ann an Loch Dubhthaich, Siorrachd Rois. Tha Aiseag an Dòrnaidh, no Aiseag na h-Àirde, ri aghaidh na deilbh. Bha Aiseag an Dòrnaidh, no Aiseag na h-Àirde, a' dol o Àird Eilbh chun Dòrnaidh agus thar Loch Dubhthaich chun Tobhtaig, gu toiseach an 20mh linn.

Tha Caisteal Eilean Donain ann am beul Loch Dhubhthaich. 's dòcha gun robh daoine a' fuireach air an eilean bheag cho fad air ais ris an 3mh linn, ach 's ann anns an 13mh linn a chaidh a' chiad chaisteal a thogail. Bha e le Clann 'ic Coinnich Chinn Tàile fad 400 bliadhna, ach chaidh a sgrios le nèibhidh an riaghaltais ann an 1719 nuair a bha saighdearan Spàinnteach is Seumasach ann. Dh'ath-chruthaich an Leifteanant Còirneal MacRath-Gilstrap an caisteal on tobhta, is chrìochnaich e an obair ann an 1932. 's e fear de na caistealan Albannach a chithear as trice ann an dealbhan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donain agus Aiseag An Dòrnaidh

ROS: Loch Aillse

1930an

cairtean-puist; lochan; Seumasaich; caistealan; aiseagan; Aiseag na h-Àird; Aiseag An Dòrnaidh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Caisteal Eilean Donain ann an Loch Dubhthaich, Siorrachd Rois. Tha Aiseag an Dòrnaidh, no Aiseag na h-Àirde, ri aghaidh na deilbh. Bha Aiseag an Dòrnaidh, no Aiseag na h-Àirde, a' dol o Àird Eilbh chun Dòrnaidh agus thar Loch Dubhthaich chun Tobhtaig, gu toiseach an 20mh linn. <br /> <br /> Tha Caisteal Eilean Donain ann am beul Loch Dhubhthaich. 's dòcha gun robh daoine a' fuireach air an eilean bheag cho fad air ais ris an 3mh linn, ach 's ann anns an 13mh linn a chaidh a' chiad chaisteal a thogail. Bha e le Clann 'ic Coinnich Chinn Tàile fad 400 bliadhna, ach chaidh a sgrios le nèibhidh an riaghaltais ann an 1719 nuair a bha saighdearan Spàinnteach is Seumasach ann. Dh'ath-chruthaich an Leifteanant Còirneal MacRath-Gilstrap an caisteal on tobhta, is chrìochnaich e an obair ann an 1932. 's e fear de na caistealan Albannach a chithear as trice ann an dealbhan