Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Eilean Donan Castle and Dornie Ferry

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Caisteal Eilean Donan air ath-thogail agus Aiseag Dhòrnaidh aig Loch Dubhthaich.

Dh'fhaodadh gun robh daoine a' fuireach air Eilean Donan bho chionn cho fad air ais ris an treas linn ach chaidh an caisteal a thogail a thogail bho thùs anns an 13mh linn. B' ann le Clann MhicChoinnich à Ceann Tàile a bha e airson co-dhiù 400 bliadhna ach chaidh a sgrios le feachdan nèibhi an riaghaltais ann an 1719 nuair a bha saighdearan Spàinnteach agus Seumasaich a' còmhnaidh ann. Chaidh an caisteal a th' ann an diugh ath-thogail bho na tobhtaichean le Lt Coirneal MacRath-Gilstrap agus bha e deiseil ann an 1932, agus 's e le cinnt fear de na caistealan as ainmeile airson a dhealbh a bhith air a thogail ann an Alba.

Bha Dòrnaidh air a cheangal ri Loch Aillse le aiseag a bha a' dol tarsainn gu Àird Eilbh. Bha aiseag Dhòrnaidh, no na h-Àirde, ag obair à Àird Eilbh an dà chuid gu Dòrnaidh agus tarsainn air Loch Dubhthaich chun An Tobhtaig suas gu ruige toiseach an fhicheadamh linn aig a' char as lugha. Anns a' bhliadhna mu dheireadh a bha i a' ruith, bhiodh i ag obair bho ochd uairean sa mhadainn gu ochd uairean feasgar, Là na Sàbaid agus làithean-saora nam banca cuideachd.

Chaidh drochaid a thogail na h-àite thairis air Loch Fada bhon Dòrnaidh gu Àird Eilbh agus chaidh a fosgladh mar dhrochaid-cìse air 30mh den Giblean 1940. Chaidh crìoch a chur air na cìsean ann an 1946 agus chaidh drochaid na b' ùire a thogail na b' fhaide air adhart ann an 1990

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donan agus Aiseag Dòrnaidh

ROS: Loch Aillse

1930an

cairtean-puist; lochan; caistealan; Clann MhicCoinnich; na Seumasaich; tobhtaichean; caisteal; aiseagan; aiseag; Aiseag Dhòrnaidh; Aiseag na h-Àirde; Comann Iasgach Bhreatainn; Loch Fada; drochaid-chìsean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection