Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Iùbh bho Lios Inbhir Iùbh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0806
ÀITE
Inbhir Iùbh
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
LINN
1960an; 1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32724
KEYWORDS
cairtean-puist
Inbhir Iùbh
lios
Osgood Hanbury MacCoinnich
A Mhorair Francis MacCoinnich
Uachdaran
Geàrrloch
Sruth a' Chamais
Inbhir Iùbh agus Ceannasair
Loch Iùbh
Abhainn Iùbh
An Cabhlach Rìoghail
campa nèibhi
Loch Ewe from Inverewe Gardens

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Loch Iùbh, bho Lios Inbhir Iùbh ann an Siorrachd Rois. Tha an loch mu dheich mìle a dh'fhaid leis an Abhainn Iùbh a' sruthadh ann. B' e campa nèibhi cudromach a bh' ann an Loch Iùbh tron a' chiad agus an dàrna cogadh.

Chaidh Lios Inbhir Iùbh a chruthachadh ann an 1862, leis an neach-spòrs agus uachdaran Osgood Hanbury MacCoinnich. B' esan mac A Mhorair Francis MacCoinnich, uachdaran Gheàrrloch. Le cuideachadh bhon teaghlach, cheannaich Osgood Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair a bha na 12,000 acair agus stèidhich e an lios air an rubha aig Inbhir Iùbh. Ged a bha aghaidh ris a' Chuan Siar agus an ùir truagh, bha fios aig MacCoinnich air cho faisg 's a bha Sruth a' Chamais agus, beag air bheag, rinn e an gnothach air fàsach atharrachadh a bhith na lios neo-àbhaisteach.

Dh'obraich Osgood MacCoinnich air Lios Inbhir Iùbh gus an do chaochail e ann an 1922 agus chuir e leasachadh an lios ann an làmhan na h-ìghne aige, A' Bh-Uas Màiri Sawyer. Chaidh Taigh Inbhir Iùbh a th' ann an-diugh a thogail leis an dara duine aice ann an1935 an dèidh don chiad fhear a bhith air a sgrios le teine ann an 1914. Ann an 1952, bliadhna mus do chaochail Màiri Sawyer, thug i an lios agus tochradh airson an obair gus a chumail a' dol anns an àm ri teachd do Urras Nàiseanta na h-Alba. An-diugh, bidh timcheall air 200,000 luchd-tadhail air an tàladh chun an lios gach bliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Iùbh bho Lios Inbhir Iùbh

ROS: Geàrrloch

1960an; 1970an

cairtean-puist; Inbhir Iùbh; lios; Osgood Hanbury MacCoinnich; A Mhorair Francis MacCoinnich; Uachdaran; Geàrrloch; Sruth a' Chamais; Inbhir Iùbh agus Ceannasair; Loch Iùbh; Abhainn Iùbh; An Cabhlach Rìoghail; campa nèibhi

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Loch Iùbh, bho Lios Inbhir Iùbh ann an Siorrachd Rois. Tha an loch mu dheich mìle a dh'fhaid leis an Abhainn Iùbh a' sruthadh ann. B' e campa nèibhi cudromach a bh' ann an Loch Iùbh tron a' chiad agus an dàrna cogadh.<br /> <br /> Chaidh Lios Inbhir Iùbh a chruthachadh ann an 1862, leis an neach-spòrs agus uachdaran Osgood Hanbury MacCoinnich. B' esan mac A Mhorair Francis MacCoinnich, uachdaran Gheàrrloch. Le cuideachadh bhon teaghlach, cheannaich Osgood Oighearachd Inbhir Iùbh agus Ceannasair a bha na 12,000 acair agus stèidhich e an lios air an rubha aig Inbhir Iùbh. Ged a bha aghaidh ris a' Chuan Siar agus an ùir truagh, bha fios aig MacCoinnich air cho faisg 's a bha Sruth a' Chamais agus, beag air bheag, rinn e an gnothach air fàsach atharrachadh a bhith na lios neo-àbhaisteach.<br /> <br /> Dh'obraich Osgood MacCoinnich air Lios Inbhir Iùbh gus an do chaochail e ann an 1922 agus chuir e leasachadh an lios ann an làmhan na h-ìghne aige, A' Bh-Uas Màiri Sawyer. Chaidh Taigh Inbhir Iùbh a th' ann an-diugh a thogail leis an dara duine aice ann an1935 an dèidh don chiad fhear a bhith air a sgrios le teine ann an 1914. Ann an 1952, bliadhna mus do chaochail Màiri Sawyer, thug i an lios agus tochradh airson an obair gus a chumail a' dol anns an àm ri teachd do Urras Nàiseanta na h-Alba. An-diugh, bidh timcheall air 200,000 luchd-tadhail air an tàladh chun an lios gach bliadhna