Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Blàr Dubh bhon taigh-staile
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0811
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32728
KEYWORDS
cairtean-puist
Tarbhdal
rathaidean-iarainn
Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois
uisge-beatha
sileadh
Drochaid Cheiseig
Muir of Ord from the distillery

Tha a' chairt-phuist a' sealltainn baile A' Bhlàir Dhuibh bhon taigh-staile ann an Ros an Ear. Tha e trì mìle tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle an iar-thuath air Inbhir Nis.

Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, chuir companaidh an rathad-iarainn Am Blàr Dubh air an stèisean an dèidh nam fèilltean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach. Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air rathad an A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo nuair a chaidh Drochaid Cheiseig a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile nas sàmhaiche 's e turasachd, sileadh an uisge-bheatha agus togail fhathast na prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Blàr Dubh bhon taigh-staile

ROS: Urrath

1970an

cairtean-puist; Tarbhdal; rathaidean-iarainn; Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois; uisge-beatha; sileadh; Drochaid Cheiseig

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection

Tha a' chairt-phuist a' sealltainn baile A' Bhlàir Dhuibh bhon taigh-staile ann an Ros an Ear. Tha e trì mìle tuath air A' Mhanachainn agus 14 mìle an iar-thuath air Inbhir Nis.<br /> <br /> Dh'fhàs am baile, air an robh an t-ainm Tarbhdal aig aon àm, gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, chuir companaidh an rathad-iarainn Am Blàr Dubh air an stèisean an dèidh nam fèilltean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach. Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air rathad an A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo nuair a chaidh Drochaid Cheiseig a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile nas sàmhaiche 's e turasachd, sileadh an uisge-bheatha agus togail fhathast na prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh