Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean Rois an Ear
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0813
ÀITE
Am Blàr Dubh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Urrath
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32730
KEYWORDS
cairtean-puist
easan
bradan
Alltan Dubh
Dàma Cille Mhòraig
dealan-uisge
uisge-beatha
sileadh
Drochaid Cheiseig
Tarbhdal
Views of Easter Ross

Tha iomadh sealladh de Ros an Ear air a' chairt-phuist seo. Tha a' Phrìomh Shràid anns a' Bhlàr Dhubh anns a' mheadhan.
B' àbhaist Tarbhdal a bhith air an àite agus dh'fhàs e gu mòr tron 19mh linn air sàilleabh an taigh-staile agus còmhdail air rathaidean agus rathaidean-iarainn. Chaidh stèisean-rèile a thogail aig Tarbhdal ann an 1862 mar phàirt de Rathad-iarainn Inbhir Nis agus Siorrachd Rois. Ach, chuir companaidh an rathad-iarainn Am Blàr Dubh air an stèisean an dèidh nam fèilltean cruidh a bha a' gabhail àite mu mhìle bhon a' bhaile. Beag air bheag thàinig an t-ainm Am Blàr Dubh an àite Tarbhdal gus an do dh'fhalbh e buileach. Airson mòran bhliadhnaichean bha am baile air rathad an A9 gu tuath bho Inbhir Nis ach dh'atharraich seo nuair a chaidh Drochaid Cheiseig a thogail ann an 1982. An-diugh, ged a tha am baile nas sàmhaiche 's e turasachd, sileadh an uisge-bheatha agus togail fhathast na prìomh ghnìomhachasan anns A' Bhlàr Dhubh.

Tha seallaidhean de dh' Abhainn Mìg, a tha a'ruith tro SrathChonainn, aig mullach na cairt-phuist air an làimh dheis agus chlì.

Tha Eas Rothagaidh agus Eas Cille Mhòraig aig a' bhonn air an làimh dheis agus chlì. Tha Eas Rothagaidh air an Alltan Dhubh faisg air Srath Pheofhair ann an Siorrachd Rois. Ged nach eil na h-easan uabhasach àrd tha iad snog agus 's tric a chithear bradan a' leum suas bhon uisge. Tha eas Cille Mhòraig faisg air A' Mhanachainn. Chaidh an dubhadh às anns na 1960an le Dàma Cille Mhòraig. Mus deach an dàma a thogail bha na h-easan tarraingeach do luchd-turais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean Rois an Ear

ROS: Urrath

1920an; 1930an

cairtean-puist; easan; bradan; Alltan Dubh; Dàma Cille Mhòraig; dealan-uisge; uisge-beatha; sileadh; Drochaid Cheiseig; Tarbhdal

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection