Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseig Cheiseig
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0818
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
LINN
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32735
KEYWORDS
cairtean-puist
Morair Uilleam Fettes
Aiseag Cheiseig
Drochaid Cheiseig
Eilean Dubh
Inbhir Nis
Rosehaugh
Kessock Ferry

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Aiseag Cheiseig. 'S e uisge a th' anns an aiseig thar a' chaolais eadar Caolas Mhoireibh agus Poll an Roid, mu choinneimh Inbhir Nis.

Ann an 1825, cheannaich Am Morair Uilleam Fettes oighreachd A' Chaisteil Dheirg, air an Eilean Dubh airson £135,000. An lùib seo, thàinig còirichean airson aiseag obrachadh aig Ceiseig, a' ceangal Inbhir Nis ris an Eilean Dubh. Taobh a-staigh trì bliadhna, bha e air cidhechan ùra a thogail agus nuair a thàinig na 1900an, bha bàtaichean-smùide air tòiseachadh air an t-slighe.

Ann an 1939 ghabh Comhairle Baile Inbhir Nis agus Comhairle Sgìreil Rois is Chrombaidh an t-seirbheis thairis agus anmoch anns na 1940an b' urrainn do na h-aiseagan carbadan a thoirt thar a' chaolais. B' e 'Eilean Dubh' a' chiad dhiubh a ghabhadh ochd càraichean. Chaidh an 'Inbhir Nis,' a ghabhadh ceithir carbadan, a chur ris an t-seirbhis anns na 1950an agus chaidh an aiseag 'Rosehaugh' a bha air a dèanamh gu sònraichte a chur air an t-seirbheis ann an 1967. Bha an 'Eilean Dubh' an uair sin air a cumail mar bhàta nan robh an tè eile a-mach à seirbheis.

B' ann aig an dà chomhairle a bha an aiseag gus an do dh'fhosgail Drochaid Cheiseig nan àite ann an 1982

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseig Cheiseig

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

cairtean-puist; Morair Uilleam Fettes; Aiseag Cheiseig; Drochaid Cheiseig; Eilean Dubh; Inbhir Nis; Rosehaugh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection