Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag Cheiseig, An t-Eilean Dubh
EXTERNAL ID
QZP40_CARD_0819
ÀITE
Ceiseig a Tuath
SGÌRE
Abhach
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: An Cnoc Bàn
LINN
1960an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co.
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
32736
KEYWORDS
cairtean-puist
Am Morair Uilleam Fettes
Aiseag Cheiseig
Drochaid Cheiseig
Eilean Dubh
Inbhir Nis
Rosehaugh
Kessock Ferry, Black Isle

Tha a' chairt-phuist seo a' sealltainn Aiseag Cheiseig aig Ceiseig a Tuath. 'S e uisge a th' anns an aiseig thar a' chaolais eadar Caolas Mhoireibh agus Poll an Roid, mu choinneimh Inbhir Nis.

Ann an 1825, cheannaich Am Morair Uilleam Fettes oighreachd A' Chaisteil Dheirg, air an Eilean Dubh airson £135,000. An lùib seo, thàinig còirichean airson aiseag obrachadh aig Ceiseig, a' ceangal Inbhir Nis ris an Eilean Dubh. Taobh a-staigh trì bliadhna, bha e air cidheachan ùra a thogail agus nuair a thàinig na 1900an, bha bàtaichean-smùide air tòiseachadh air an t-slighe.

Ann an 1939 ghabh Comhairle Baile Inbhir Nis agus Comhairle Sgìreil Rois is Chrombaidh an t-seirbheis thairis agus anmoch anns na 1940an b' urrainn do na h-aiseagan carbadan a thoirt thar a' chaolais. B' e 'Eilean Dubh' a' chiad dhiubh a ghabhadh ochd càraichean. Chaidh an 'Inbhir Nis,' a ghabhadh ceithir carbadan, a chur ris an t-seirbhis anns na 1950an agus chaidh an aiseag 'Rosehaugh' a bha air a dèanamh gu sònraichte a chur air an t-seirbheis ann an 1967. Bha an 'Eilean Dubh' an uair sin air a cumail mar bhàta nan robh an tè eile a-mach à seirbheis.

B' ann aig an dà chomhairle a bha an aiseag gus an do dh'fhosgail Drochaid Cheiseig nan àite ann an 1982

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag Cheiseig, An t-Eilean Dubh

ROS: An Cnoc Bàn

1960an

cairtean-puist; Am Morair Uilleam Fettes; Aiseag Cheiseig; Drochaid Cheiseig; Eilean Dubh; Inbhir Nis; Rosehaugh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Highland Libraries' Postcard Collection